Sgitheadh

Tha sgitheadh gu math spòrsail agus dùbhlanach do dh’òigridh. Tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann làithean sgithidh do sgoiltean agus buidhnean fa-leth. 

Tha luchd-stiùiridh againn le Gàidhlig, uidheamachd agus eòlas air a’ chur-seachad a libhrigeadh tron chànan. 

Buannachdan le Spòrs Gàidhlig:

• Luchd-stiùiridh profaiseanta le teisteanas
• Uidheamachd ùr agus snasail
• Prìsean nas saoire
• Ri fhaighinn aig gach ionad sgithidh.
• Taic le siubhal.

Cuir post-d gu fios@spors.scot no 01463-234138 airson barrachd fiosrachaidh.


Prìsean – airson 1 neach bho aois 7-17 – co-dhiù 5 sa bhuidheann, 8 aig an ìre as àirde. 

LÀITHEAN12345
Prìs airson gach neach le leasanan, uidheamachd agus tiogaid sgithidh – ’s dòcha taic le siubhal cuideachd. £70.00£130.00£185.00£230.00£280.00

Faodaidh sinn a bhith sgitheadh aig An Leac, Gleann Comhann, Gleann Sìth, Monadh Nibheis no aig a’ Chàrn Ghorm. Chan eil na h-ionadan seo ro fhada air falbh bho na sgoiltean agus faodar a dhol ann airson an latha.  

Thar nam bliadhnaichean, tha fàs air tighinn air an àireamh de chloinn a bhios a’ sgitheadh. Tha sinn gu mòr ag iarraidh gum bi an aon chothrom aig cloinn na Gàidhlig. 

Bidh sinn a’ gabhail buidhnean de ochdnar aig an aon àm.  Le prisean reusanta agus seirbheis mhath, tha e na bhuannachd gu bheil seo ri fhaighinn tron Ghàidhlig.  

Leig fios thugainn aig fios@spors.scot airson barrachd fiosrachaidh.