Duais Iain Muir

Tha Duais Iain Muir a’ toirt cothrom do dh’òigridh a bhith gabhail pàirt ann am prògram spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig agus teisteanas aithnichte a chosnadh tro mheadhan na Gàidhlig. ‘S ann air “talamh fiadhaich” agus an àrainneachd a tha an duais stèidhichte.  

Bidh sinn a’ tabhann nan trì ìrean den Duais: Lorgair, Rannsaiche, Glèidhtiche.   


Tha ceithir dùbhlain aig cridhe Duais Iain Muir

1. discover credit katrinamartin2020vision   highres listingRob bushby listingKatrina martin (2) listingJma gathering 20121005 (13) listing
 Àite iomallach a lorg Cuir eòlas air Glèidhe e Roinn d’ eòlas
Àite ionadail, pàirc, loch, beinn, tràigh, abhainn, eileDèan rudan gus tuigse agus eòlas a bhrosnachadh. Ionnsaich agus gabh tlachd às an àite. Dèan rudeigin agus gabh dleastanas. Roinn d’ eòlas agus innis do chàch na rinn agus na ionnsaich thu.  

Tha am prògram ann an dà earrann:

  1. DIM Ìre a h-aon – Lorgar – Prògram ionadail + tachartas ionadal – £50
    1. Prògram ionadail gach seachdain/cola-deug
    2. Beagan obair phearsanta
  2. DIM ìre dhà – Rannsaiche – Prògram ionadail + Campa Nàiseanta – £150
    1. Prògram ionadail gach seachdain/cola-deug
    2. Campa Nàiseanta – (11-14/06/2018)
    3. Barrachd obair phearsanta
  3. DIM ìre trì – Glèidhtiche – Obair phearsanta + cuairt – £200
    1. Cuairt + cuairt deasachaidh – Le Spòrs Gàidhlig, samhradh 2018
    2. Pròiseact pearsanta – nan ùine fhèin ach le stiùir bho ChnaG
    3. Obair saor-thoileach – le buidhnean mar RSPB, Urrasan, BTCV, SNH, msaa
Camara Glacaidh

An Campa Nàiseanta – Aig deireadh nam prògram ionadail bidh gach buidheann a’ coinneachadh aig ionad chur-seachadan no ostail airson a’ champa nàiseanta. Bidh iad a’ taisbeanadh na h-obrach ionadail aca do chàch agus a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan agus seiseanan àrainneachd. Bidh latha dùbhlain mar phàirt den tachartas le buidhnean a’ strì an aghaidh a’ cheile. Spòrs gu leòr. 

Aig deireadh a’ phrògraim, tha gach neach a’ faighinn Duais Iain Muir – teisteanas a tha aithnichte do sgoiltean, oilthighean, buidhnean fastaidh agus eile. 

Tha CnaG a’ cur beagan prìomhachas air cat-fiadhaich na h-Alba. Tha iad tearc agus feumach air taic, beagan coltach ris a’ Ghàidhlig fhèin.  

An Treas Ìre – An Duais Glèidhtiche 

Tha dleastanas a bharrachd a dhìth airson an treas ìre. Bheir sinn taic dhut ach feumaidh tu moladh (plana) a sgrìobhadh agus deagh chuid den phrògram a dhèanamh nad ùine fhèin.  ‘S e dùbhlan mòr a th’ ann ach le taic, bidh deagh chothrom agad!

Tha trì ìrean de Dhuais Iain Muir: