Sgeama Trèanaidh – Luchd-obrach ceangailte

Tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann chothroman trèanaidh air daoine aig a bheil ùidh ag obair le òigridh, fileanta ann an Gàidhlig agus tha deònach obair a dhèanamh dhuinn le pàigheadh.

Bidh sinn a’ pàigheadh airson cùrsaichean trèanaidh ‘s measaidh air cur-seachadan a bhios Spòrs Gàidhlig a’ tabhann air sgoiltean agus eile. Mu choinneimh an taic seo, feumaidh tu a bhith deònach obair a dhèanamh do Spòrs Gàidhlig agus do bhuidhnean eile sa choimhearsnachd, ann an Gàidhlig, nuair a tha iarrtas ann agus gu bheil e a’ freagairt ort. Gheibhear pàigheadh airson an obair a ni thu do Spòrs Gàidhlig.

 ‘S e amas an sgeama seo a bhith cruthachadh coimhearsnachd luchd-obrach, le Gàidhlig, a bhios ag obair do Spòrs Gàidhlig agus do bhuidhnean eile (ann an Gàidhlig) gus cothroman ùra a thabhann air sgoiltean agus òigridh san fharsaingeachd.

Faodaidh tu an t-èolas agus na teisteanasan a chleachdadh le buidhnean eile fhad ‘s a tha an obair sin ag amas air cothroman Gàidhlig a chruthachadh do chloinn. Cha bhi sinn a’ cumail taic ri daoine nach eil airson obair a dhèanamh le cloinn, ann an Gàidhlig.

Bidh agad ri dhol air Sgeama PVG tro Chomunn na Gàidhlig.

Dè tha sinn a’ tabhann?

  • Cosgaisean airson cùrsaichean trèanaidh agus measadh bhon liosta gu h-ìosal. Bidh sinn a’ pàigheadh airson nan cùrsaichean.
  • Cothroman-obrach tro Spòrs Gàidhlig nuair a tha feum againn air luchd-obrach a bharrachd.

Dè dh’fheumas tusa a dhèanamh mu choinneimh an taic seo?

  • Cùrsa ciad-chobhair a dhèanamh (https://www.glenmorelodge.org.uk/first-aid-work-safety-other-courses/cat-24-first-aid-medical/)
  • Do chuid eòlais a leasachadh gu ìre a tha freagarrach airson an teisteanais air a bheil thu ag amas. Bidh cothroman leasachaidh ann tro Spòrs Gàidhlig agus buidhnean eile. Tha e an urra riut fhèin do chuid eòlais a leasachadh gu ìre fhreagarrach!
  • Gabhail ri aonta foirmeil gu bheil thu deònach an t-eòlas agus teisteanasan ùra a chur gu feum ann an Gàidhlig.

A bheil ùidh agad?

Gus brath a ghabhail air na cothroman seo, cuir post-d thugainn (fios@spors.scot) le beagan fiosrachaidh mu do dheidhinn agus freagairtean air na cèistean a leanas:

  1. Carson a tha thu ag iarraidh obair a dhèanamh le òigridh?
  2. Dè na cur-seachadan a bhios tu a’ dèanamh nad ùine fhèin?
  3. Dè na cùrsaichean anns a bheil ùidh agad?
  4. Dè an t-eòlas a th’ agad an dràsta mu choinneimh nan cur-seachadan aig 3? QMDs, làithean rothair, claisean msaa.
  5. Ciamar a bhios tu a’ leasachadh do chuid eòlais gu ìre a tha freagarrach airson an trèanaidh agus deuchainn?
  6. Ciamar a chleachdas tu na teisteanasan ùra anns a’ choimhearsnachd agad?
  7. Dè seòrsa ùine a th’ agad airson a dhol an sàs le obair òigridh?
Cha bhi Spòrs Gàidhlig a’ pàigheadh airson uidheamachd no siubhal ach far a bheil taic ri fhaighinn tromhainn, bidh cothrom ann an uidheamachd againn a chleachdadh agus siubhal còmhla ri luchd-obrach làn-ùine.
Trèanadh a tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhannFiosrachadh
Sgitheadh – SkiingBASIL1 AlpineL2 AlpineSnowsport ScotlandInstructorAdvanced Instructor https://www.basi.org.uk/https://snowsportscotland.org/courses-and-qualifications/instructing-qualifications
Sligheadaireachd – Orienteering Teaching Orienteering https://www.scottish-orienteering.org/soa/page/introducing-orienteering-new-course-for-teachers
Sgilean Seòlaidh – Navigation Skills Cùrsa NNAS https://nnas.org.uk/
Mapland Alba – Largest Map of Scotland    Trèanadh tro Spòrs Gàidhlighttps://www.spors.scot/gd/cur-seachadan/77-mapland-alba
Meanbh-chuairtean – Micro AdventuresTrèanadh tro Spòrs Gàidhlig https://www.spors.scot/gd/cur-seachadan/90-meanbh-chuairtean-air-an-oidhche
Dùbhlain sgioba – Team challenges  Trèanadh tro Spòrs Gàidhlig
Coiseachd agus cuairtean
Mountain walking and expeditionsSummer Mountain LeaderTrèanadhDeuchainnHill & Moorland LeaderTrèanadhDeuchainn
 https://www.glenmorelodge.org.uk/mountaineering-courses/cat-19-summer-walking-navigation/qualifications/
Claiseachd – Gorge ScramblingGorge-Ghyll LeaderTrèanadhDeuchainn https://www.canyonguides.org/gorge-ghyll-leader-award/
Rothaireachd slèibhe – Mountain Biking British Mountain Bike Leader AwardTrèanadhDeuchainn https://www.glenmorelodge.org.uk/mountain-biking/cat-26-mountain-biking/qualifications/
Sreap – Climbing Climbing Wall AwardTrèanadhDeuchainnRock Climbing InstructorTrèanadhDeuchainn https://www.glenmorelodge.org.uk/mountaineering-courses/cat-21-rock-climbing/qualifications/
Bòrd-seasaimh – Stand-up Paddle Boarding Academy of SurfingL1L2RescueSUPwise https://www.academyofsurfing.com/stand-up-paddle/instructor-courses
Sgilean dùthchail – Rural Skills Trèanadh tro Spòrs Gàidhlig

fios@spors.scot