Tachartasan-còmhnaidh agus campaichean aig Loidse a’ Ghlinne Mhòir

Bidh sinn a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh aig Loidse a’ Ghlinne Mhòir, faisg air an Aghaidh Mhòr. Tron phrògram againn, ann an Gàidhlig, gabhaidh sgoilearan pàirt ann an cur-seachadan leithid claiseachd, coiseachd, sreap, bòrd-seasaimh, dùbhlain-sgioba, campachadh agus tursan culturail. Tha iad uile math agus leis na sàr-ghoireasan aig an Loidse le seòmraichean aig àrd-ìre, biadh math agus àrainn chofhurtail, tha sinn cinnteach gun còrd am prògram ribh.

Chaidh na prògraman seo a dhealbh airson sgoiltean far a bheil foghlam ri fhaighinn ann an Gàidhlig agus tha sinn cuideachd comasach air buidhnean measgaichte a ghabhail , sgoiltean far a bheil foghlam Gàidhlig agus Beurla.

Tha an Loidse suidhichte ann an àrainn air leth; coille ghiuthais, lochan faisg air làimh agus beanntan air an starsaich. 

Tha na goireasan aig an Loidse aig àrd-ìre agus gach seòmar le taigh-beag agus fras. Tha iuchraichean ann airson gach seòmar agus an Àrainn an Ear fa-leth bho chòr an Loidse. Mar sin, tha e freagarrach airson sgoiltean. Le goireasan leithid seòmar-taisbeanaidh, balla sreip, leathad sgithidh tioram, lòn airson rathad agus biadh math, bidh a’ bhuidheann agaibh glè chomhurtail. 

Prìsean Cosgais/com-pàirticheNotaichean
3 oidhcheanan(4 làithean)£255.00Dil – Diar no Dim – Dih
4 oidhcheanan(5 làithean)£295.00Diluain – Dihaoine

Tha prìsean a’ toirt a-steach àite-fuirich, biadh agus am prògram. 

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu ghoireasan an Loidse an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/accommodation/ agus an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/facilities/

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu ghoireasan an Loidse an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/accommodation/ agus an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/facilities/

Cinn-là ¦ DatesComas ¦ CapacitySgoilearan + luchd-taice/tidsearanFiosrachadh ¦ Information
Fosgailte ¦ Open for bookingsGlèidhichte ¦ ReservedRi dhearbhadh ¦ To be confirmed
6 – 10 April (Whole of East Wing)10+2 
4 – 7 May30+3Bun-sgoil Bhogh Mòr (8+1)Cothrom air 20 sgoilear eile!
8 – 11 June 30+3AS Uallais, Greenfaulds, Cille Mhearnaig
22 – 26 June 30+3Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig
20 – 24 July 20+4Campa Fhèis-spòrs
10 – 14 August 30+3 
31 August – 4 September 30+3 
14 – 18 September15+4Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil
19 – 23 October 30+3 
2 – 5 November30+3 
23 – 27 November30+3 

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach