Dùbhlan
Challenge

Test

Ionnsachadh

Learning

Sgilean ùra
New skills

Spòrs gu leòr!
Plenty of fun!

Arrow
Arrow
Slider

Cànan - Language  

   

   

Leasachadh  

   

Tha sgitheadh gu math spòrsail agus dùbhlanach do dh'òigridh. Tha Spòrs Gàidhlig a' tabhann làithean sgithidh do sgoiltean agus buidhnean fa-leth. 

Tha luchd-stiùiridh againn le Gàidhlig, uidheamachd agus eòlas air a' chur-seachad a libhrigeadh tron chànan. 

Buannachdan le Spòrs Gàidhlig:

• Luchd-stiùiridh profaiseanta le teisteanas
• Uidheamachd ùr agus snasail
• Prìsean nas saoire
• Ri fhaighinn aig gach ionad sgithidh.
• Taic le siubhal.

Cuir post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. no 01463-234138 airson barrachd fiosrachaidh.

Prìsean - airson 1 neach bho aois 7-17 - co-dhiù 5 sa bhuidheann, 8 aig an ìre as àirde. 

LÀITHEAN 1 2 3 4 5
Prìs airson gach neach le leasanan, uidheamachd agus tiogaid sgithidh - 's dòcha taic le siubhal cuideachd.  £70.00 £130.00 £185.00 £230.00 £280.00

Faodaidh sinn a bhith sgitheadh aig An Leac, Gleann Comhann, Gleann Sìth, Monadh Nibheis no aig a' Chàrn Ghorm. Chan eil na h-ionadan seo ro fhada air falbh bho na sgoiltean agus faodar a dhol ann airson an latha.  

Thar nam bliadhnaichean, tha fàs air tighinn air an àireamh de chloinn a bhios a' sgitheadh. Tha sinn gu mòr ag iarraidh gum bi an aon chothrom aig cloinn na Gàidhlig. 

Bidh sinn a' gabhail buidhnean de ochdnar aig an aon àm.  Le prisean reusanta agus seirbheis mhath, tha e na bhuannachd gu bheil seo ri fhaighinn tron Ghàidhlig.  

Leig fios thugainn aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. airson barrachd fiosrachaidh.  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   
© Spòrs Gàidhlig