Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

Cuir eòlas air Alba, cruinn-eòlas, ar n-eachdraidh agus iomadach cuspair eile, leis a' mhapa as motha de dh'Alba san t-saoghal! Tha Mapland Alba na mhapa mhòr, air a cur ri chèile mar mìrean-measgte (jigsaw), le fiosrachadh mionaidean, coltach ri mapa sam bith eile, agus faodar coiseachd air! Tha e air a chruthachadh le 180 pìosan agus tha e 10.8m x 7.6 m, le 2.5m x 1.6m airson Sealltainn.

Faodaidh sinn bùthan-obrach a dhèanamh air iomadach cuspair, leithid leughadh mhapaichean, sgèile, samhlaidhean, loidhnichean-àirde, cruinn-eòlas, comhdhail, ainmean-àite agus dualchas, siostaman poilitigeach agus tòrr eile. Tha na leasanan againn ceangailte ri Curaicealaim airson Sàr-mhathas no cherart cho math mar chur-seachad spòrsail.  

No, faodaidh sinn am mapa a thoirt dhuibh agus cleachdaidh sibh e a-rèir nam feumalachdan agaibh fhèin. 

'S e Mapland Alba am mapa as motha de dh'Alba san t-saoghal! Chaidh a chlò-bhualadh le mapadh bhon t-Surbhaidh Òrdanais aig sgèile 1:50,000 (mapadh "Landranger") ann am pìosan mòra.  Tha gach pàirt de dh'Alba ann le eileanan anns an àite cheart. Mar eisimpleir, tha Hiort san àite cheart an àite bogsa air mapa eile.  

Tha gach pìos 0.7m x 1.0m agus tha 180 dhiubh ann airson na dùthcha air fad. 

Bidh feum air talla meadhanach mòr: urlar rèidh, cruaidh a tha co-dhiù 11m x 8m, agus 2.5m x 1.7m a bharrachd airson Sealltainn. Seo am meudachd aig cuairt badminton court. Gu h-àbhaisteach, tha tallaichean sgoile freagarrach. Faodar a thoirt à chèile ma tha an talla ri chleachdadh air adhbhar eile. 

Cuimhnich!  Nì sinn seo ann an Gàidhlig, Beurla no dà-chànanach. Tha seo a' ciallachadh gu bheil sgoilearan ag ionnsachadh mu Alba agus cànan aig an aon àm!

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig