Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

Ri fhaighinn bhon Ògmhios 2018

Coiseachd nam Beann

Tha sinn fortunach ann an Alba gu bheil beanntan agus monaidhean againn a tha cho math airson coiseachd. Far a bheil Spòrs Gàidhlig, aig Loidse a' Ghlinne Mhòir, tha sinn air starsaich a' Mhonaidh Ruaidh. Ach, tha sinn comasachadh agus eòlach air beanntan air feadh Alba. 

Carson nach tig sibh air latha (no nas fhaide) coiseachd còmhla rinn? Tha iad freagarrach airson sgilean agus misneachd a bharrachd air slàinte 's sunnd. Le dòigh obrach sùbailte, faodaidh sinn latha freagarrach a chur air dòigh dhuibh. Tha ar iùilichean profaiseanta, le teisteanas, agus eòlach air eachdraidh agus dualchas Alba gus latha luach-mhòr a thabhann oirbh.  

Cuairtean sònraichte

A bheil sibh ag amas air cuairt shònraichte? Tha seirbheis choileanta againn le planadh, siubhail, planaichean eile mura bi an t-sìde freagarrach agus stiùireadh air an latha fhèin. Leig fios thugainn ma tha sibh a' beachdachadh air cuairt shònraichte no latha air na beanntan. 

Tursan nas fhaide

Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd, Coiseachd tron Eilean Sgitheanach, timcheall a' Mhonaidh Ruaidh, tron Na h-Eileanan Siar agus tòrr a bharrachd. 'S urrainn dhuinn tursan mar seo a chur air dòigh le taic, iùilichean agus seirbheis choileanta. 

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig