Dùbhlan
Challenge

Test

Ionnsachadh

Learning

Sgilean ùra
New skills

Spòrs gu leòr!
Plenty of fun!

Arrow
Arrow
Slider

Cànan - Language  

   

   

Leasachadh  

   

Duaisean

Tha Duais Iain Muir a' toirt cothrom do dh'òigridh a bhith gabhail pàirt ann am prògram spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig agus teisteanas aithnichte a chosnadh tro mheadhan na Gàidhlig. 'S ann air "talamh fiadhaich" agus an àrainneachd a tha an duais stèidhichte.  

Bidh sinn a' tabhann nan trì ìrean den Duais ann an 2016: Lorgair, Rannsaiche, Glèidhtiche.   

Ìre 1 - Lorgair
Ùine 4 là no ùine co-ionnan 
Campa Nàiseanta  07-10 Ògmhios 2016
Freagarrach do  S1-S3
Ìre Ghàidhlig Fileanta

'S e a' chiad cheum ann an Sgeama Dhuais Iain Muir a th' anns an duais "Lorgair". Feumaidh gach neach co-dhiù ceithir latha a dhèanamh, no co-ionnan ùine, gus am faigh iad an Lorgair. Bidh sinne a' comharrachadh na h-ùine le sreath de sheiseanan ionadail agus campa nàiseanta.  

Tha na seiseanan ionadail air an stiùireadh le neach-obrach againn agus ag amas air na cuspairean seo:

  • SEISEAN 1: DIM, an sgìre agus camara-ùine
  • SEISEAN 2: Sgrùdadh fiadh-bheatha agus camaran glacaidh
  • SEISEAN 3: Craobhan
  • SEISEAN 4: Sgrùdadh fiadh-bheatha + camaran glacaidh – sùil air na dealbhan
  • SEISEAN 5: Eunlaith/cur-seachad spòrsail
  • SEISEAN 6: Comas Choille
  • SEISEAN 7: Dìon agus sgioblachadh
  • SEISEAN 8: Roinn an eòlas (ionadail)

Bidh a' mhòr-chuid de bhuidhnean a' dèanamh cur-seachad spòrsail anns an sgìre aca. Rudan mar sreap, turas bàta, niosgachadh, fuireach an oidhche ann an ostail...

An Campa Nàiseanta

Aig deireadh a' phrògraim ionadail, bidh gach buidhnean a' tighinn còmhla aig campa nàiseanta airson ceithir làithean. Tha prògram spòrsail ann: coiseach claise, cèilidh, rannsachadh air an sgìre, geamanan agus bidh gach buidheann a' dèanamh taisbeanadh air a' phrògraim ionadail aca. Làn spòrs le caraidean ùra!

Bidh na campaichean nàiseanta ann an 2016 stèidhichte ann an Tom an t-Sabhail; 7-10 Ògmhios (ìre 1) agus 14-17 (ìrean 2+3).

Leugh mun ath ìre aig Duais Rannsaiche.   

 

Ìre 3 - Glèidhtiche
Ùine 20 là no ùine co-ionnan agus thairis air 12 mìosan
Campa Nàiseanta  14-17 Ògmhios 2016
Freagarrach do  S1-S4
Ìre Ghàidhlig Fileanta

Seo an ìre as àirde de Dhuais Iain Muir. 'S e dùbhlan mòr a th' ann agus feumaidh gach neach an duais aca fhèin a stiùireadh. 

Dleastanas - sin am facal airson an duais seo. Feumaidh gach duine am prògram aca fhèin a chur air dòigh nuair a tha a' chiad sia mìosan deiseal. Tha thu fhèin a' taghadh cuspair agus ga rannsachadh, a' gabhail dleastanas air a shon agus a' taisbeanadh seo dhan choimhearsnachd no dhan sgoil. 

'S e duais pearsanta a tha seo. Chan eil thu ag obair mar phàirt de bhuidheann ach tha siostam taic ann bhuainne.

Feumaidh tu co-dhiù 20 latha, no ùine co-ionnann a dhèanamh agus feumaidh e a bhith thairis air 12 mìosan.  Mar sin, ma tha thu a' toiseachadh san Fhaoilleach, chan fhaigh thu an duais gus an ath Fhaoilleach!

Tha an duais a' toiseachadh le moladh - tha seo a' sealltainn mar a bhios an duais agad a' dol air adhart agus feumaidh tu aonta fhaighinn bhuainn mus toisich am prògram. 

Bheir sinn taic dhuibh nuair a tha thu ag ullachadh a' mholaidh seo.  Innsidh sinn dhuibh na seòrsa rudan a bhios freagarrach.  Bidh am moladh a' toirt a-steach:

  • Dè ni thu airson an treas ìre fhaighinn?
  • Dè am prògram a leanas tu?
  • Ciamar a bhios tu a' coileanadh na ceithir dùbhlain - faic Duais Iain Muir
  • A bheil thu airson turas a dhèanamh mar Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd?
  • Dè an cuspair a tha thu gu bhith rannsachadh agus ciamar?
  • Ciamar a bhios tu a' dèanamh diofar?
  • Ciamar a tha thu a' dol a roinn an eòlas seo?

Na gabh dragh - tha sinn ann airson ur cuideachadh!


 

An Campa Nàiseanta

Aig deireadh a' phrògraim ionadail, bidh gach buidhnean a' tighinn còmhla aig campa nàiseanta airson ceithir làithean. Tha prògram spòrsail ann: coiseach claise, cèilidh, rannsachadh air an sgìre, geamanan agus bidh gach buidheann a' dèanamh taisbeanadh air a' phrògraim ionadail aca. Làn spòrs le caraidean ùra!

Bidh na campaichean nàiseanta ann an 2016 stèidhichte ann an Tom an t-Sabhail; 7-10 Ògmhios (ìre 1) agus 14-17 (ìrean 2+3). 

 

Ìre 2 - Rannsaiche
Ùine 8 là no ùine co-ionnan 
Campa Nàiseanta  14-17 Ògmhios 2016
Freagarrach do  S1-S4
Ìre Ghàidhlig Fileanta

Tha an duais "Rannsaiche" a' toirt cothrom a bharrachd a bhith ag ionnsachadh mu nàdar, fiadh-bheatha agus mu do dheidhinn fhèin.

Bidh na h-aon seisean ionadail ann mar an Duais Lorgair ach le proiseact agaibh mar bhuidheann no gu pearsanta. Bu chòir dhuibh postair, taisbeanadh, bùth-obrach no eile a chur air dòigh gus innse do dhaoine mun sgìre agaibh.

Ach bidh seo uile spòrsail agus bidh an luchd-obrach againn gur cuideachadh fad na slighe! 

Bidh a' mhòr-chuid de bhuidhnean a' dèanamh cur-seachad spòrsail anns an sgìre aca. Rudan mar sreap, turas bàta, niosgachadh, fuireach an oidhche ann an ostail...

An Campa Nàiseanta

Aig deireadh a' phrògraim ionadail, bidh gach buidhnean a' tighinn còmhla aig campa nàiseanta airson ceithir làithean. Tha prògram spòrsail ann: coiseach claise, cèilidh, rannsachadh air an sgìre, geamanan agus bidh gach buidheann a' dèanamh taisbeanadh air a' phrògraim ionadail aca. Làn spòrs le caraidean ùra!

Bidh na campaichean nàiseanta ann an 2016 stèidhichte ann an Tom an t-Sabhail; 7-10 Ògmhios (ìre 1) agus 14-17 (ìrean 2+3). 

Leugh mun ath ìre aig Duais Glèidhtiche

 

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   
© Spòrs Gàidhlig