Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

Seo a' chiad ìre de Dhuais Iain Muir, freagarrach do dhuine sam bith. Tha e stèidhichte air prògram ionadaila bhios ga lìbhrigeadh le oifigear Chomunn na Gàidhlig. 

Tha dà phàirt ann:

  • Prògram ionadail
  • Beagan obair phearsanta
Ìre 1 - Lorgair
Ùine 4 là no ùine co-ionnan 
Campa Nàiseanta  07-10 Ògmhios 2016
Freagarrach do  S1-S3
Ìre Ghàidhlig Fileanta
Cosgais £50

Prògram ionadail - 6- 10 seiseanan . Bidh seiseanan air fiadh-bheatha, ainmean-àite, obair dùthcha, craobhan, an àrainneachd agus cuideachd cuairt, a chuireas an òigridh fhèin air dòigh, do chloinn bhun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig. 

Bidh sinn a' cleachdadh chamaran glacaidh anns gach sgìre gus fiadh-bheatha a rannsachadh. Tha e glè inntinneach agus spòrsail na camaran a thoirt a-steach gach seachdain agus na dealbhan fhaicinn! Gu ruige seo, tha sinn air dòbhrain, fèidh, sionnaich, seilcheagan, taghain, eoin gu leòr, ialtagan, rodain, luchagan, iolairean, clamhain agus eile fhaicinn. 

A bharrachd air eòlas fhaighinn air diofar chuspairean, tha òigridh a' faighinn cothroman fèin-leasachaidh agus sgilean stiùiridh agus taisbeanaidh. Tha sgioba ChnaG gu math taiceil do gach buidheann. 

Bidh gach buidheann a' leantainn a' phrògraim aca fhèin a tha toirt a-steach nàdar, fiadh-bheatha, craobhan, cur-seachadan mar sreap agus campachadh, eun-laith agus eile.  

'S e a' chiad cheum ann an Sgeama Dhuais Iain Muir a th' anns an duais "Lorgair". Feumaidh gach neach co-dhiù ceithir latha a dhèanamh, no co-ionnan ùine, gus am faigh iad an Lorgair. Bidh sinne a' comharrachadh na h-ùine le sreath de sheiseanan ionadail agus campa nàiseanta.  

Tha na seiseanan ionadail air an stiùireadh le neach-obrach againn agus ag amas air na cuspairean seo:

  • SEISEAN 1: DIM, an sgìre agus camara-ùine
  • SEISEAN 2: Sgrùdadh fiadh-bheatha agus camaran glacaidh
  • SEISEAN 3: Craobhan
  • SEISEAN 4: Sgrùdadh fiadh-bheatha + camaran glacaidh – sùil air na dealbhan
  • SEISEAN 5: Eunlaith/cur-seachad spòrsail
  • SEISEAN 6: Comas Choille
  • SEISEAN 7: Dìon agus sgioblachadh
  • SEISEAN 8: Roinn an eòlas (ionadail)

Bidh a' mhòr-chuid de bhuidhnean a' dèanamh cur-seachad spòrsail anns an sgìre aca. Rudan mar sreap, turas bàta, niosgachadh, fuireach an oidhche ann an ostail...

Leugh mun ath ìre aig Duais Rannsaiche.   

 

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig