Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

Tha Duais Iain Muir aig an treas ìre (Glèidhtiche) mar a leanas:

DIM ìre trì – Glèidhtiche -

  • Cuairt – Le Spòrs Gàidhlig, samhradh 2018
  • Pròiseact pearsanta – nan ùine fhèin ach le stiùir bho ChnaG
  • Obair saor-thoileach – le buidhnean mar RSPB, Urrasan, BTCV, SNH, msaa
Ìre 3 - Glèidhtiche
Ùine 20 là no ùine co-ionnan agus thairis air 12 mìosan
Cuairt   Samhradh 2018 - ri dhearbhadh
Freagarrach do  S1-S4
Ìre Ghàidhlig Fileanta
Cosgais £200

Seo an ìre as àirde de Dhuais Iain Muir. 'S e dùbhlan mòr a th' ann agus feumaidh gach neach an duais aca fhèin a stiùireadh. 

Dleastanas - sin am facal airson an duais seo. Feumaidh gach duine am prògram aca fhèin a chur air dòigh nuair a tha a' chiad sia mìosan deiseal. Tha thu fhèin a' taghadh cuspair agus ga rannsachadh, a' gabhail dleastanas air a shon agus a' taisbeanadh seo dhan choimhearsnachd no dhan sgoil. 'S e duais pearsanta a tha seo. Chan eil thu ag obair mar phàirt de bhuidheann ach tha siostam taic ann bhuainne.

Feumaidh tu co-dhiù 20 latha, no ùine co-ionnann a dhèanamh agus feumaidh e a bhith thairis air 12 mìosan.  Mar sin, ma tha thu a' toiseachadh san Fhaoilleach, chan fhaigh thu an duais gus an ath Fhaoilleach!

Tha an duais a' toiseachadh le moladh - tha seo a' sealltainn mar a bhios an duais agad a' dol air adhart agus feumaidh tu aonta fhaighinn bhuainn mus toisich am prògram. Bheir sinn taic dhuibh nuair a tha thu ag ullachadh a' mholaidh seo.  Innsidh sinn dhuibh na seòrsa rudan a bhios freagarrach.  Bidh am moladh a' toirt a-steach:

  • Dè ni thu airson an treas ìre fhaighinn?
  • Dè am prògram a leanas tu?
  • Ciamar a bhios tu a' coileanadh na ceithir dùbhlain - faic Duais Iain Muir
  • A bheil thu airson turas a dhèanamh mar Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd?
  • Dè an cuspair a tha thu gu bhith rannsachadh agus ciamar?
  • Ciamar a bhios tu a' dèanamh diofar?
  • Ciamar a tha thu a' dol a roinn an eòlas seo?

Na gabh dragh - tha sinn ann airson ur cuideachadh!


A' Chuairt

Coltach ri Sgeama Dhiùc Dhùn Èideann, tha cuairt mar phàirt dhen ìre seo. Bidh Spòrs Gàidhlig a' cumail taic ris a' chuairt le iùilichean profaiseanta. 

Air a' chuairt, bidh sgoilearan à diofar sgìrean a tha uile a' dèanamh ìre Ghlèidhtiche. 

Cha deach co-dhùnadh a ghabhail air a' chuairt fhathast ach bidh taghaidhean ann le coiseachd, rothaireachd no measgachadh eadar a dhà. Bidh aig na com-pàirtichean ri còmhradh a chumail nam measg, air loidhne 's dòcha, air dè seòrsa cuairt a bhios ann. 


Pròiseact pearsanta – nan ùine fhèin ach le stiùir bho ChnaG

Faodaidh am pròiseact a bhith air cuspair sam bith co-cheangailte ri nàdar agus an àrainneachd. Bu chòir susbaint a bhith sa phròiseact; rudeigin a sheasas leis fhèin mar obair luach-mhòr. 

Bu chòir do chom-pàirtichean cuspair a' phròiseict aontachadh ri oifigear ChnaG mus tèid e air adhart. 


Obair saor-thoileach – le buidhnean mar RSPB, Urrasan, BTCV, SNH, msaa

A bharrachd air pròiseact pearsanta agus cuairt, airson an treas ìre de Dhuais Iain Muir a ghlèidheadh, feumar beagan obair saor-thoileach a dhèanamh. Bheir sinn taic dhuibh gus cothroman a lorg agus cuideachadh a thoirt seachad. 

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig