Dùbhlan
Challenge

Test

Ionnsachadh

Learning

Sgilean ùra
New skills

Spòrs gu leòr!
Plenty of fun!

Arrow
Arrow
Slider

Cànan - Language  

   

   

Leasachadh  

   

'S e ceann-uidhe aig Spòrs Gàidhlig a bhith tabhann chothroman agus chur-seachadan do dh'òigridh ann an suidheachadh spòrsail agus taiceil. Tha Gàidhlig aig an luchd-obrach againn. 

Tha sinn a' tuigsinn, agus tha deagh eòlas againn, ann a bhith cruthachadh àrainneachd Ghàidhlig do'òigridh. Tha an t-eòlas againn a' ciallachadh gu bheil sinn cruthachadh chur-seachadan a tha freagarrach agus gus an òigridh a bhrosnachadh gus luach a chur sa chànan. 

Tha na siostaman sàbhailteachd againn làidir agus bidh sinn a' cleachdadh luchd-stiùiridh le eòlas mòr. Nuair a tha sinn a' cleachdadh bhuidhnean eile, bidh sinn cinnteach gu bheil teisteanasan agus eòlas freagarrach aca. 

Tha Spòrs Gàidhlig na chompanaidh fa-leth aig Comunn na Gàidhlig. Tha CnaG glè eòlach air campaichean agus cur-seachadan airson òigridh. 

Tha sinn gu math eòlach air siubhal a chur air dòigh agus air comhdhail poblach. Tha seo a' toirt a-steach aiseagan far a bheil deagh chuid den òigridh le Gàidhlig a' fuireach. 

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   
© Spòrs Gàidhlig