orienteeringlarge gorm     Coiseach nam beann blue       Rothaireachd sleibhe blue       stiureadh blue   coiseachdlarge   Sreap blue  

Sligheadaireachd

Comas Choille

Claiseachd

Coiseachd

Sgitheadh

 Rothaireachd

Sgilean

dùthchail

 Seòladh

 Rannsachadh

Sreap 

Cànan - Language  

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

   

Leasachadh  

   

Turas nan Eilean Siar - £175

 

 Freagarrach do dh'òigridh 15 bliadhna a dh'aois no nas sìne.  

Disathairne 29 Iuchair - Latha 1 - An t-Òban - Barraigh - 0 miltean

Bidh sinn a' coinneachadh san Òban no ann am Barraigh ma tha sin nas fhasa do chuid. Gabhaidh sinn an t-aiseag a Bhàgh a' Chaisteil agus ar biadh air a' bhata. Bidh sinn a' cur eòlas air a chèile, a' bruidhinn air an turas agus a' toirt sùil air an uidheamachd againn. Latha le ùine airson ullachadh. Àite-fuirich - ostail no campadh.  

Didomhnaich 30 Iuchair - Latha 2 - Barraigh - Tobha Mòr - 28 mìltean

A' chiad latha air an rothair agus thèid sinn dhan Àrd Mhòr timcheall taobh siar Bharraigh. Tha seallaidhean àlainn an seo sa bhad ach tha na rathaidean gu math furasta. Beagan fois air an aiseag a dh'Eiriosgeigh agus air a' chabhsair gu Uibhist a Deas. Leanaidh sinn na rathaidean ann an Uibhist a Deas le cothrom stad aig àitean inntinneach, cafaidhean agus bùthan. Bidh sinn a' fuireach aig Tobha Mòr no eile.

Diluain 31 Iuchair - Latha 3 - Tobha Mòr - Beàrnaraigh - 32 mìltean

Sios gu tuath mar a chanas iad. Tro Uibhist a Deas, Beinn a' Fhaoghla agus Uibhist a Tuath air cabhsairean agus rathaidean sàmhach. Tha am bhan againn cuideachd cuimhnich ma bhios duine sam bith sgith no feumach air taic. Stadaidh sinn aig àitean sònraichte air ar slighe le cothroman gu leòr fois a ghabhail. 'S e an treas latha às dubhlanaiche mar sin ni sinn air ar socair. Àite-fuirich ann am Beàrnaraigh.  

Dimairt - 01 Lùnastal - Latha 4 - Beàrnaraigh - Sgaladail - 31 mìltean

Tha an latha a' toiseachadh le aiseag tro Chaolas na Hearadh. Slighe araid eadar creagan agus sgeirean. An uairsin tha An t-Ob far a bheil bùthan agus goireasan. Thèid sinn air taobh an iar na Hearadh far am faic sinn tràighean mòra (cothrom air reòtag) agus seallaidhean cha math 's a gheibhear àite sam bith. Gabhaidh sinn ar lòn faisg no air tràigh agus an uairsin dhan Tairbeart, prìomh bhaile na Hearadh. Tha am bruach as doirbhe as dèidh seo - An Cliseam. Chan eil e ro dhona ged tha agus le rothairean aotrom, gun bhaganan orra, ni sinn a' chuis ann an 30 mìonaidean. As dèidh seo - sios fad an rathaid gu Sgaladail agus frasan blatha!

Diciadain - 02 Lùnastal - Latha 5 - Sgaladail - Na Gearrannan - 35 mìltean

Bidh sinn a' leantainn air ar slighe le fios nach eil bruachaidhean mòra romhainn - deagh naidheachd! An sgioba ag obair còmhla, taic bhon bhus agus luchd-stiùiridh agus fit 's fallain, thèid sinn gu Na Gearrannan tro mhointeach Leòdhais. Leis na rathaidean math, nì sinn deagh adhartas. Bidh cothrom againn stad aig Na Tursachan agus Dùn Charlabhaigh. 

Diardaoin 03 Lùnastal - Latha 6 - Na Gearrannan - Rubha Robhanais - 28 mìltean

An latha mu dheireadh air rothair agus bidh spionnadh againn air a' cheann-uidhe - Rubha Robhanais aig ceann tuath Eilean Leòdhais. Cumaidh sinn air na prìomh rathaidean agus deagh theans gum bi a' ghaoth air ar culaibh fad an turais. 'S cinnteach gu bi dannsa no dhà ann aig deireadh an turais - An Taigh Solais os cionn na mara. 

Bidh sinn a' fuireach ann an Steòrnabhagh.  

Dihaoine - 04 Lùnastal - Latha 7 - Steòrnabhagh - Inbhir Nis/An t-Òban

An aiseag a dh'Ullapul agus draibheadh a dh'Inbhir Nis. Ma bhios feum, faodaidh sinn beachdachadh air taic gus faighinn air ais dhan Òban no Glaschu/Dùn Èideann.  

 

Tòiseach ¦ Start

An t-Òban no Barraigh, 28 Iuchair 2018

Crìoch ¦ Finish

Steòrnabhadh no Ullapul, 03 Lùnastal 2018

Amas ¦ Aims

Turas rothair eadar Barraigh ‘s Rubha Robhnais agus cur-seachadan air an t-slighe le caraidean ùra.  ‘S e dùbhlan pearsanta agus buidhne agus tro mheadhan na Gàidhlig. 

An Turas ¦ The Journey

Chan e reis a tha seo.  Tha sinn ag amas air turas tro na h-Eileanan Siar le caraidean ùra, tron Ghàidhlig, agus eòlas a chur air na diofar àitean air an t-slighe. 

‘S e dùbhlan a bhios anns an rothaireachd.  Bidh meanbh-bhus againn airson bagannan agus daoine mar iomchaidh. 

Bidh dithis stiùiriche le teastanas leis a’ bhuidheann fad an turais agus a’ gabhail cho-dhùnaidhean air slighe, astar agus nithean eile. 

Taic ¦ Support

Tha bus againn a bhios a’ giulan bhagannan mar iomchaidh agus iadsan feumach air fois.  Cha bhi sinn  a’ dèanamh seo ach ma tha feum air.  Tha dùil againn an turas a dhèanamh air baidhc. 

Cha bhi am bus leis a’ bhuidheann fad na h-ùine ach bidh e a’ stad ann an àitean sònraichte agus ri fhaighinn air fòn ma bhios feum. 

Bidh dithis stiùiriche os cionn an turais; aonan sa bhus agus neach eile leis a’ bhuidheann. 

Àite-fuirich ¦ Accommodation

Tha sinn an dùil fuireach ann an ostailean ionadail agus a' campadh.  

‘S dòcha gum bi aig cuid ri champachadh ri taobh na h-ostail le cothrom air na goireasan.  Bidh teantaichean againn. 

Biadh ¦ Food

Tha am pris a’ toirt a-steach biadh.  Bidh sinn a’ tabhann bracaist, lòn agus dinnear gach latha le suipear air an fheasgar.  Feumaidh com-pàirtichean biadh sam bith a bharrachd a cheannach. 

Slighe rothair ¦ Cycle terrain

San fharsaineachd, tha an t-slighe air rathaidean sàmhach.  Bidh neart na gaoithe agus uisge sam bith na nithean as motha a bheireas buaidh air a’ bhuidheann.  Bidh sinn a’ dol, an dòchas, leis a’ ghaoth. 

Tha pàirtean ann far a bheil èiridh ann, gu sònraichte anns Na Hearadh.  Tha leathad deas air an Tairbeart thairis air bealach agus tha an Cliseam cas airson aon mhìle.  Ma tha sinn a’ fuireach aig Renigadail, tha bealach eile ann gus faighinn dhan ostail. 

Bidh taic ann bhon bhus againn dhaibhsan nach eil airson na leathadan seo a dhèanamh air rothair. 

San fharsaingeachd, ‘s iad rathaidean caola ann am Barraigh ‘s Uibhist.  Tuath air an Tairbeart, tha na rathaidean dà-fhillte agus beagan nas trainge.  

Tha sàbhailteachd nar prìomhachas agus ni sinn cinnteach gum bith luchd-rothair a’ siubhal ann an dòigh freagarrach fad an turais. 

Neart & Ullachadh ¦ Fitness & Preparation

Chan fheum na com-pàirtichean a bhith nan lùth-chleasaichean airson an dùbhlain seo.  Bu chòir dhaibh a bhith eòlach air rothaireachd agus làimhseachadh baidhc gus nach bi latha fada san diollaid ro dhoirbh. 

Tha sinn den bheachd gum bi an t-slighe comasach dhaibh le ullachdh ceart.  Chan eil seo idir a’ ciallachadh prògram trèanaidh agus bu chòir dhaibh slighean fada a dhèanamh ro làimh. 

Tha e gu math nàdarra a bhith sgìth air turas mar seo no uallach mun latha romhpa.  Bheir sinn taic do gach neach.  

Tha bus againn airson taic ma tha e a dhìth. 

Uidheamachd ¦ Equipment

Tha rothair, ann an deagh stàid, a dhìth airson an turais seo.  ‘S e rothair-turais as freagarraiche ach bidh rothair-rathaid sam bith freagarrach. 

Tha rothair-slèibhe cuideachd freagarrach fhad ‘s a tha taidhrean rathaid agus deagh shuidheachadh air an diollaid.  Mar nas eifigiche am baidhc, ‘s ann nas fhasa a bhios an turas.  Chan eil allsachadh a dhìth no freagarrach air an turas seo.  Bhiodh allsachadh aig a’ chuibhle chùil na bhacadh. 

Bidh sinn ag ullachadh ar rothairean air a’ chiad fheasgar ann am Barraigh. 

Tha taidhrean rathaid riatanach agus chan eil taidhrean slèibhe ceadaichte. 

Bidh seacaid agus briogais dìon uisge agus gaoithe a dhìth mar a bhios miotagan, clogaid, dòigh giulain bathair, uidheamachd a bharrachd agus speuclairean greine. 

Tha aodach fuadain (co-thàthte!) freagarrach agus briogais goirid a’ fàgail an turais nas comhurtail. 

 

Event Properties

Ceann-là 28-07-2018
Event End Date 03-08-2018
Comas 12
Clàraichte 0
Àitean rim faighinn 12

Ticket Information

Ticket Type Price Àitean rim faighinn
Balach - Boy

Àite airson aon bhalach - A place for one boy

£175.00 6
Nighean - Girl

Àite airson aon nìghean - A place for one girl

£175.00 6
12

Share this event:
   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   
© Spòrs Gàidhlig