Dùbhlan
Challenge

Test

Ionnsachadh

Learning

Sgilean ùra
New skills

Spòrs gu leòr!
Plenty of fun!

Arrow
Arrow

Cànan - Language  

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

   

Leasachadh  

   

Dùbhlan na Coille

Tha Spòrs Gàidhlig a’ cur fàilte oirbh gu Dùbhlan na Coille air 28 Samhain, Laggan Wolftrax, aig 1730-1915. Chan eil cosgais air an tachartas seo.

Gabhaidh àitean a ghlèidheadh air loidhne aig www.spors.scot

‘S e tachartas spòrsail, tron Ghàidhlig, a bhios ann gus cothrom a thoirt do chloinn 8-12 beagan spòrs a ghabhail tron chànan.

 

Bidh na dùbhlain a’ gabhail a-steach loidhne dhorcha (ropa le bacaidhean tron choille), lorg bheathaichean sa choille, sligheadaireachd simplidh agus geamanan beaga. Dh’fhaodadh gum bi teine againn cuideachd.

Thèid an tachartas air adhart le stiùir luchd-obrach Spòrs Gàidhlig agus bidh sinn a’ brosnachadh phàrantan agus luchd-diona a dhol an sàs.

Bu chòir do chloinn a bhith ullaichte airson dà ùair a thide a-muigh sa choille. Bidh seacaid seasgair agus solas feumail. Bidh solais againn cuideachd.

Tha Spòrs Gàidhlig a’ cur air dòigh an tachartas seo gus fàilte a chur air sgoilearan agus teaghlaichean bhon ionad Gàidhlig ann am Baile Ùr an t-Slèibhe.

Tha sinn stèidhichte aig Loidse a’ Ghlinne Mhòire far a bheil an sgeama trèanaidh againn a’ gabhail àite. Leis a’ phrògram seo, agus leasachaidhean eile, bidh Spòrs Gàidhlig comasach air sreath fharsaing de chur-seachadan agus ionnsachadh a lìbhrigeadh.

Nar beachd, tha na cothroman seo cudromach gus fileantachd na h-òigridh a leasachadh agus deagh bheachd a bhith aca air a’ chànan.

Airson a’ chiad uair, bidh seirbheis foghlam a-muigh agus cur-seachadan ann do sgoiltean, sgoilearan agus do theaghlaichean, uile tron Ghàidhlig.

Event Properties

Ceann-là 28-11-2017 5:30 pm
Event End Date 28-11-2017 7:30 pm
Comas Unlimited
Clàraichte 6

Share this event:
   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   
© Spòrs Gàidhlig