Cur-seachadan
Lìbhrigidh sinn farsaingeachd de chur-seachadan, an dà chuid tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla. Cleachdaidh sinn na cur-seachadan mar inntrigeadh dhan Ghàidhlig do dh’òigridh aig nach eil eòlas oirre cuideachd.
Tha sinn comasach air iad seo a thabhann tro ar prògram de thachartasan-còmhnaidh aig Loidse a’ Ghlinne Mhòir no gu h-ionadail le a bhith a’ tighinn chun na sgìre agaibh fhèin.
Tha Sgeama Comas Rothair, no Bikeability, ag amas air sgilean agus misneachd a thoirt do chloinn airson an rothair a chleachdadh air na rathaidean. Tha e cuideachd airson cloinn a bhrosnachadh gus an rothair aca a chleachdadh nuair a tha iad nas sinne.
Tha Spòrs Gàidhlig comasach air Comas Rothair a thabhann dhan treas ìre. Tha seo freagarrach do chloinn bhun-sgoile agus tro mheadhan na Gàidhlig. Faodaidh sinn an seirbheis a thabhann airson luchd-ionnsachaidh ann an dòigh a tha freagarrach a-rèir an comas Ghàidhlig.
Tha Comas Coille, mar chur-seachad, air a bhith fàs le barrachd ’s barrachd dhaoine a’ nochdadh ùidh ann. Tha Spòrs Gàidhlig comasach air seiseanan agus cùrsaichean chomas choille a thabhann air sgoiltean agus buidhnean fa-leth.
Tha seo freagarrach don bhun-sgoil agus àrd-sgoil agus na dhòigh inntinneach agus togarach gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.
‘S e seòrsa cur-seachad a ghabhas a leasachadh fad-beatha le dileab sgilein agus eòlais airson gach neach.
Bidh sinn a’ tabhann sheiseanan le teintean, fasgaidhean, ag obair le fiodh agus eile.
‘S e fìor chothrom a th’ ann an sreap airson dùbhlan pearsanta agus abair gum faigh a h-uile duine togail às! Mar as trice, bidh creag faisg air làimh far an gabh abseil no sreap a chur air dòigh agus mar sin bidh cothrom ann dhan òigridh eòlas as ùr a chur air àite san sgìre aca. Ma tha buidheann air a bhith a’ sreap a-staigh cheana, ’s urrainn dhuinne an cuideachadh gus na sgilean ud a thoirt a-muigh.
Bheir Spòrs Gàidhlig taic leis an Roinn Chuairt, an dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla. Faodaidh sinn taic a thoirt dhan sgoil agus dha na buidhnean agaibh le na leanas:
• Làithean-trèanaidh
• Làithean-planaidh
• Cuairtean-ullachaidh
• Cuairtean-deuchainne
• Uidheamachd
Tha cead AALA againn agus tha sinn nar buidhinn cheadaichte le DofE (Approved Activity Provider).
Tha claiseachd gu math spòrsail, dùbhlanach agus a’ toirt cothrom do sgoilearan an cuid sgilean a chur an gnìomh ann an àrainn gu tùr eadar-dhealaichte. Bidh sinn a’ tabhann claiseachd air feadh Alba, faisg air an sgoil no buidheann agaibh. Tha uidheachd againn, iùilichean profaiseanta agus gach rud a tha dhìth airson latha, spòrsail, dùbhlanach agus sàbhailte.
Bheir Duais Iain Muir cothrom do dh’òigridh a bhith gabhail pàirt ann am prògram spòrsail agus teisteanas aithnichte a chosnadh uile tro mheadhan na Gàidhlig. ‘S ann air “talamh fiadhaich” agus an àrainneachd a tha an duais stèidhichte.
Bidh sinn a’ tabhann nan trì ìrean den Duais: Lorgair, Rannsaiche & Glèidhtiche.
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
Àite iomallach a lorg | Cuir eòlas air | Glèidhe e | Roinn d’ eòlas |
Àite ionadail, pàirc, loch, beinn, tràigh, abhainn, eile | Dèan rudan gus tuigse agus eòlas a bhrosnachadh. Ionnsaich agus gabh tlachd às an àite. | Dèan rudeigin agus gabh dleastanas. | Roinn d’ eòlas agus innis do chàch na rinn agus na ionnsaich thu. |
Tha am prògram ann an dà earrann:
An Campa Nàiseanta – Aig deireadh nam prògraman ionadail bidh gach buidheann a’ coinneachadh aig ionad chur-seachadan no ostail airson a’ champa nàiseanta. Bidh iad a’ taisbeanadh na h-obrach ionadail aca do chàch agus a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan agus seiseanan àrainneachd. Bidh latha dùbhlain ann mar phàirt den tachartas le buidhnean a’ strì an aghaidh a’ cheile. Spòrs gu leòr!
Aig deireadh a’ phrògraim, gheibh gach neach Duais Iain Muir – teisteanas a tha aithnichte do sgoiltean, oilthighean, buidhnean-fastaidh agus eile.
Tha Spòrs Gàidhlig agus CnaG a’ cur beagan prìomhachais air cat-fiadhaich na h-Alba. Tha iad tearc agus feumach air taic, beagan coltach ris a’ Ghàidhlig fhèin.
An Treas Ìre – An Duais Glèidhtiche
Tha dleastanas a bharrachd a dhìth airson an treas ìre. Bheir sinn taic dhut ach feumaidh tu moladh (plana) a sgrìobhadh agus deagh chuid den phrògram a dhèanamh nad ùine fhèin. ‘S e dùbhlan mòr a th’ ann ach le taic, bidh deagh chothrom agad!
Dh’ionnsaichibh mu dheidhinn na h-Alba, ar cruinn-eòlas, ar n-eachdraidh agus gu leòr eile leis a’ mhapa as motha de dh’Alba ’s a tha ann an àite sam bith! ‘S e mìrean-measgaichte mòr a th’ ann am Mapland na h-Alba le mion-fhiosrachadh air an tìr, agus gabhaidh coiseachd air! Tha 180 pìosan plastaig ann agus tha e 10.8m x 7.6m, le 2.5m x 1.6m ’son Shealltainn. Cleachdaidh e am mapa 1:50,000 bho Ordnance Survey, air am faodar falbh air chuairt bho Obar Dheathainn a dh’Uibhist a Deas, ’s gach àite eatorra!
Lìbhrigidh sinn bùithtean-obrach fiosrachail air cuspairean a leithid leughadh mhapaichean, sgèile, loidhnichean co-àirde, ceanglaichean còmhdail, ainmean-àite na dùthcha, dualchas na Gàidhlig agus eile. ‘S urrainn dhuinn seiseanan a cheangail ris a’ Churraicealam son Sàr-mhathais.
Faodaidh sinn cuideachd am mapa a chur thugaibh fhèin gus a chleachdadh anns a’ cho-theagsa ionnsachaidh agaibhse.
Feumaidh ùrlar rèidh, cruaidh agus a-staigh a bhith againn a tha co-dhiù 14m x 8m. Tha seo mun aon mheud ri raon badminton agus gabhaidh Mapland na h-Alba a chur a-mach ann an talla-sgoile, talla baile, ionadan coimhearsnachd agus eile.
Tha Meanbh-chuairtean gu math freagarrach do dh’òigridh a tha airson cadal a-muigh ann an àite nàdarra, ann an suidheachadh Gàidhlig agus sgilean ùra fhaighinn leithid còcaireachd a-muigh agus gun a bhith fàgail comharra as an dèidh.
Tha cuairt bheag an sàs le gach turas gu àite far an stèidhich sinn ar campa. Bidh sinn an uairsin a’ còcaireachd ar biadh air stobha agus cèilidh bheag a chumail gus crìoch a chur air an oidhche. Cuiridh sinn seachad an oidhche ann an leabaidhean crocte (hammocks). Sa mhadainn, tillidh sinn air ais far am bi frasan agus thèid a h-uile duine dhachaigh le eòlas ùr agus deagh chuimhneachain.
Bidh na h-iùilichean againn leis a’ bhuidheann fad na h-ùine agus a’ dèanamh cinnteach gum faigh gach neach biadh agus cadal.
Tha na cuairtean seo freagarrach do chloinn 9+ agus faodaidh pàrantan/cùramaichean a bhith mar phàirt den turas ma tha iad ag iarraidh. Chan fheum pàrantan a bhith ann ged tha; bidh ar n-iùilichean leis a’ bhuidheann fad na h-ùine.
Bidh gach cuairt a’ gabhail a-steach:
Ionnsaichidh com-pàirtichean mòran air na meanbh-cuairtean seo le sgilean bunaiteach, rudan ùra a tha feumail agus ciamar a chuireas iad seachad oidhche sa choille uile gam mìneachadh ann an doimhneachd.
Tha Meanbh-chuairtean freagarrach do chloinn agus bidh a’ toirt cothrom tlachd-mhòr ann an suidheachadh spòrsail, sàbhailte le clàr-ama a tha ag obair don sgoil agus do theaghlaichean.
Tha beartas de làraich sgoinneil son rothaireachd-slèibhe ann an Alba agus bidh sinne a’ tabhann sheiseanan stiùirichte air an òigridh. Chithear an tìr ann an dòigh ùr agus bidh iomadh cothrom ann sgilean pearsanta agus sgioba a leasachadh fhad ’s a thèid sinn air cuairt togarrach, sàbhailte.
Tha sligheadaireachd a’ toirt còmhla farpais luaiths agus leughadh mhapaichean. Chan fheum thu ruith ged-thà! Bidh com-pàirtichean a’ feuchainn ri slighe a lorg eadar diofar stèiseanan cho luath ’s urrainn dhaibh. Faodaidh iad slighe sam bith a ghabhail agus tha e an urra riutha fhèin am mapa a chleachdadh gus an ath-stèisean a lorg.
Tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann sligheadaireachd mar chur-seachad freagarrach do bhun-sgoilearan agus àrd-sgoilearan. Tha na seiseanan againn a’ toiseachadh le gnìomhan gu math simplidh, sa raon-chluiche ’s dòcha, agus a’ gluasad gu slighean nas motha. Tha uidheamachd profaiseanta againn agus eòlas air a’ chur-seachad a lìbhrigeadh anns a’ Ghàidhlig. Tha seo cuideachd freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig ìre bun-sgoile ’s àrd-sgoile.
Tha sgitheadh gu math spòrsail agus dùbhlanach do dh’òigridh. Tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann làithean sgithidh do sgoiltean agus buidhnean fa-leth.
Tha luchd-stiùiridh againn le Gàidhlig, uidheamachd agus eòlas air a’ chur-seachad a chleachdadh gus sgilean cànain a thoirt am feabhas.
Aig a’ Chàrn Ghorm…
Buannachdan le Spòrs Gàidhlig:
• Luchd-stiùiridh profaiseanta le teisteanasan
• Uidheamachd ùr agus snasail
• Prìsean nas saoire
• Ri fhaighinn aig gach ionad sgithidh.
• Taic le siubhal.
Cuir post-d gu fios@spors.scot no 01463-234138 airson barrachd fiosrachaidh.
Prìsean – airson 1 neach bho aois 7-17 – co-dhiù 6 sa bhuidheann, 8 aig an ìre as àirde.
LÀITHEAN | 1 | 2 | 3 | 4 | 5 |
Prìs airson gach neach le leasanan, uidheamachd agus tiogaid sgithidh – ’s dòcha taic le siubhal cuideachd. | £50.00 | £100.00 | £130.00 | £160.00 | £200.00 |
Faodaidh sinn a bhith sgitheadh aig An Leac, Gleann Comhann, Gleann Sìth, Monadh Nibheis no aig a’ Chàrn Ghorm. Chan eil na h-ionadan seo ro fhada air falbh bho na sgoiltean agus faodar a dhol ann airson an latha.
Thar nam bliadhnaichean, tha fàs air tighinn air an àireamh de chloinn a bhios a’ sgitheadh. Tha sinn gu mòr ag iarraidh gum bi an aon chothrom aig cloinn na Gàidhlig.
Bidh sinn a’ gabhail buidhnean de ochdnar aig an aon àm. Le prisean reusanta agus seirbheis mhath, tha e na bhuannachd gu bheil seo ri fhaighinn tron Ghàidhlig.
‘S e Bòrd-seasaimh (SUP) aon de na cur-seachadan againn as fheàrr le daoine. Faodaidh sinne siubhail thugaibh gus seiseanan a lìbhrigeadh aig làrach ionadail, agus gabhaidh a’ phrìs a-steach uidheamachd agus deiseachan-fliuche. Ged a tha coltas rudeigin doirbh air, stiùiridh ar sgioba eòlach sibh gus na sgilean bunasach a thogail gu luath agus cha mhòr nach bi a h-uile duine comasach air seasamh anns a’ chiad sheisean!
Tha sinn fortunach ann an Alba gu bheil beanntan agus monaidhean againn a tha cho math airson coiseachd ri àite sam bith air talamh! Far a bheil Spòrs Gàidhlig stèidhichte, aig Loidse a’ Ghlinne Mhòir, tha sinn air starsaich a’ Mhonaidh Ruaidh. Ach tha sinn comasachadh agus eòlach air beanntan air feadh Alba agus ’s e a chòrdadh rinn ach taic a thoirt dhuibh ann a bhith a’ fàs eòlach agus misneachail anns na beanntan san sgìre agaibh fhèin!
Carson nach tig sibh air latha (no nas fhaide) coiseachd còmhla rinn? Tha iad freagarrach airson sgilean agus misneachd a bharrachd air slàinte ’s sunnd. Le dòigh obrach sùbailte, faodaidh sinn latha freagarrach a chur air dòigh dhuibh. Tha ar iùilichean profaiseanta, le teisteanas, agus eòlach air eachdraidh agus dualchas Alba gus latha luachmhor a thabhann oirbh.
Cuairtean sònraichte
A bheil sibh ag amas air cuairt shònraichte? Tha seirbheis choileanta againn le planadh, siubhail, planaichean eile mura bi an t-sìde freagarrach agus stiùireadh air an latha fhèin. Leig fios thugainn ma tha sibh a’ beachdachadh air cuairt shònraichte no latha air na beanntan.
Tursan nas fhaide
Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd, Coiseachd tron Eilean Sgitheanach, timcheall a’ Mhonaidh Ruaidh, tron Na h-Eileanan Siar agus tòrr a bharrachd. ‘S urrainn dhuinn tursan mar seo a chur air dòigh le taic, iùilichean agus seirbheis choileanta.
Spòrs Gàidhlig
5 Caolraid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ
fios@spors.scot
01463-234138
Ceannaich tiogaidean airson tachartasan aig Spòrs Gàidhlig ¦ Buy tickets for Spòrs Gàidhlig events. Dismiss