Duais Glèidhtiche

Ìre3 – Glèidhtiche
Ùine20 là no ùine co-ionnan agus thairis air 12 mìosan
Campa Nàiseanta 14-17 Ògmhios 2016
Freagarrach do S1-S4
Ìre GhàidhligFileanta

Seo an ìre as àirde de Dhuais Iain Muir. ‘S e dùbhlan mòr a th’ ann agus feumaidh gach neach an duais aca fhèin a stiùireadh. 

Dleastanas – sin am facal airson an duais seo. Feumaidh gach duine am prògram aca fhèin a chur air dòigh nuair a tha a’ chiad sia mìosan deiseal. Tha thu fhèin a’ taghadh cuspair agus ga rannsachadh, a’ gabhail dleastanas air a shon agus a’ taisbeanadh seo dhan choimhearsnachd no dhan sgoil. 

‘S e duais pearsanta a tha seo. Chan eil thu ag obair mar phàirt de bhuidheann ach tha siostam taic ann bhuainne.

Feumaidh tu co-dhiù 20 latha, no ùine co-ionnann a dhèanamh agus feumaidh e a bhith thairis air 12 mìosan.  Mar sin, ma tha thu a’ toiseachadh san Fhaoilleach, chan fhaigh thu an duais gus an ath Fhaoilleach!

Tha an duais a’ toiseachadh le moladh – tha seo a’ sealltainn mar a bhios an duais agad a’ dol air adhart agus feumaidh tu aonta fhaighinn bhuainn mus toisich am prògram. 

Bheir sinn taic dhuibh nuair a tha thu ag ullachadh a’ mholaidh seo.  Innsidh sinn dhuibh na seòrsa rudan a bhios freagarrach.  Bidh am moladh a’ toirt a-steach:

  • Dè ni thu airson an treas ìre fhaighinn?
  • Dè am prògram a leanas tu?
  • Ciamar a bhios tu a’ coileanadh na ceithir dùbhlain – faic Duais Iain Muir
  • A bheil thu airson turas a dhèanamh mar Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd?
  • Dè an cuspair a tha thu gu bhith rannsachadh agus ciamar?
  • Ciamar a bhios tu a’ dèanamh diofar?
  • Ciamar a tha thu a’ dol a roinn an eòlas seo?

Na gabh dragh – tha sinn ann airson ur cuideachadh!


An Campa Nàiseanta

Aig deireadh a’ phrògraim ionadail, bidh gach buidhnean a’ tighinn còmhla aig campa nàiseanta airson ceithir làithean. Tha prògram spòrsail ann: coiseach claise, cèilidh, rannsachadh air an sgìre, geamanan agus bidh gach buidheann a’ dèanamh taisbeanadh air a’ phrògraim ionadail aca. Làn spòrs le caraidean ùra!

Bidh na campaichean nàiseanta ann an 2016 stèidhichte ann an Tom an t-Sabhail; 7-10 Ògmhios (ìre 1) agus 14-17 (ìrean 2+3).