Tuilleadh Fiosrachaidh

Seo fiosrachadh mu Spòrs Gàidhlig,

Luchd-obrach

Tha an sgioba againn aig cridhe Spòrs Gàidhlig. Tha Gàidhlig againn agus bidh sinn ag obair tron chànan san àite-obrach. A bharrachd air fileantas sa chànan, tha sgioba againn a tha comasach, profaiseanta (le teisteanasan) agus easgaidh a thaobh cur-seachadan agus prògramanan. Tha ar n-iùilichean uile air sgeama PVG. 

Bidh sinn a’ cleachdadh iùilichean eile bho an dràsta ‘s a-rithist aig nach eil Gàidhlig. Tha seo a’ tachairt nuair a tha buidhnean mòra againn ach bidh deagh eòlas aig gach neach-obrach air co-theacsa agus suidheachadh na Gàidhlig. 

Sàbhailteachd ‘s siostaman

Tha sàbhailteachd agus cùram mar bhun-phrionnsabal aig Spòrs Gàidhlig. Tha inbhe AALA (Adventurous Activities Licensing Authority) againn, cead L14127 agus buidheann R2469. Tha seo a’ ciallachadh gun deach ar sgrùdadh leis an Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd agus gun do ràinig sinn àrd-ìre a thaobh luchd-obrach (comasan, teisteanasan agus eòlas), siostaman agus uidheamachd. Tha na h-iùilichean againn (luchd-stiùiridh) air an trèanadh gu profeiseanta airson gach cur-seachad. ‘S ann le companidh AIM (Activities Industry Mutual) a tha ar n-àrachas.

Tha siostaman làidir againn a thaobh sàbhailteach le Siostam modh-obrach is clàir cunnartan agus luchd-obrach. Tha Iùil-àite againn a bhios a’ leigeil leinn obrachadh air feadh Alba. Tha àireamh com-pàirtichean stèidhichte againn airson gach cur-seachad leigeas leinn càileachd a chumail agus bhios ag atharrachadh a-rèir suidheachaidhean air an latha.

Tha na siostaman cùram chloinne againn a tha làidir agus bidh sinn tric a’ dèanamh trèanadh air a’ chuspair seo. Tha eòlas againn air taic a chumail ri òigridh ann an suidheachaidhean ùra. Tha gach neach-obrach againn a’ gabhail ballrachd sa sgeama PVG (Protection of Vulnerable Groups), an sgeama“disclosure” ùr.

Ma bhios feum, faodaidh sinn na siostaman seo a mhìneachadh dhuibh no do bhuidheann leithid ùghdarras ionadail.

Sgoiltean

Tha ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh a’ cur ri ionnsachadh anns an sgoil fhèin. Tha sinn ag amas air cur-seachadan a cheangal ris a’ Churaicealaim agus aig ìre eòlasan agus builean agus na slatan-tomhais. Thèid againn air gach cur-seachad a cheangal ri cuspairean anns an sgoil no prìomhachasan eile. Bidh sinn a’ clàradh adhartas agus a’ cruthachadh bhileagan a sheallas fianais air ionnsachadh, comas agus adhartas. 

Curaicealaim airson Sàr-mhathas

  • Cur-seachadan ceangailte ri satan-tomhais/eòlasan agus buillean
  • Tha programan again le dùbhllan thairis air farsaingeachd gnìomh
  • Faodar Maoin Chothromachd Sgoilear a chleachdadh airson a‘ bheàrn buileachaidh

Ionnsachadh a-muigh do sgoiltean agus òigridh

  • Ionnsachadh ceangailte ris a’ Churaicealaim
  • Cur-seachadan leotha fhèin no le amas sònraichte
  • Cànan, cultar, àrainneachd agus eachdraidh
  • Co-obrachadh, misneachd agus conaltradh
  • Seirbheis ann an Gàidhlig, dà-chànanach, do luchd-ionnsachaidh no dhaibhsan a tha ùr don chànan

Bidh sinn cuideachd ag obair le sgoiltean far nach eil a’ Ghàidhlig mar phrìomh chànain:

Sgoilearan le Gàidhlig – Iadsan a tha fileanta no faisg air. Dh’fhaodadh seo a bhith tro fhoghlam Gàidhlig no cànan aig an taigh. 

Luchd-ionnsachaidh – Iadsan ag ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre bhun-sgoil no àrd-sgoil. Dh’fhaodadh seo a bhith tro GLPS, 1+2, Go Gàidhlig, Gàidhlig mar darna cànan no blasad Gàidhlig ann an dòigh eile. 

Sgoilearan aig nach eil a’ Ghàidhlig – Tha sinn comasach air diofar phrògraman a thabhann air sgoiltean agus blasad Gàidhlig a thoirt seachad aig an aon àm.   Tha sinn gu mòr airson obrachadh le sgoiltean le ùidh sa Ghàidhlig ach aig nach eil an cothrom. Thèid againn air prògraman a thabhann le blasad Gàidhlig a tha spòrsail aig an aon àm. 

Dà-chànanach!

Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe Spòrs Gàidhlig agus ni sinn a h-uile oidhirp gus an cànan a neartachadh aig an òigridh. Bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-ionnsachaidh agus air sgoilearan nach eil eòlach air a’ Ghàidhlig ann an dòigh sam bith.

Tha Spòrs Gàidhlig dà-chànanach – ‘S urrainn dhuinn gach cur-seachad, prògram agus an seirbheis air fad, a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha sinn a’ tuigsinn suidheachadh nan sgoiltean agus nan tidsearan. Le luchd-obrach dà-chànanach, thèid againn air an t-seirbheis a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig no Beurla. Tro chur-seachadan, gabhaidh inntrigeadh don Ghàidhlig a thabhann.

Dùbhlain le spòrs! Tha cur-seachadan agus prògraman spòrsail againn. Bidh sinn a’ ceangal Gàidhlig agus spòrs ann an suidheachaidhean dàna, sàbhailte agus spòrsail.

Pàrantan

Fois-inntinn, tha e cudromach nuair a tha ur pàiste air falbh aig campa no a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan. Tha sgioba Spòrs Gàidhlig eòlach air obair òigridh ann an diofar cho-theacsan, a bharrachd air cur-seachadan fhèrin, agus a’ tuigsinn gu bheil dùbhlain agus suidheachaidhean ùra a’ toirt buaidh ann an diofar dhòighean. 

Tha sàbhailteachd agus cùram aig cridhe ar cultar-obrach agus le eòlas air diofar fheumalachdan, thèid againn air taic a chumail ris a’ mhòr-chuid de chloinn. Tha sinn gu math eòlach air siubhal a chur air dòigh agus air comhdhail poblach. Tha seo a’ toirt a-steach aiseagan far a bheil deagh chuid den òigridh le Gàidhlig a’ fuireach.

‘S e ceann-uidhe aig Spòrs Gàidhlig a bhith tabhann chothroman agus chur-seachadan do dh’òigridh ann an suidheachadh spòrsail agus taiceil. 

Tha sinn a’ tuigsinn, agus tha deagh eòlas againn, ann a bhith cruthachadh àrainneachd Ghàidhlig do’òigridh. Tha an t-eòlas againn a’ ciallachadh gu bheil sinn cruthachadh chur-seachadan a tha freagarrach agus gus an òigridh a bhrosnachadh gus luach a chur sa chànan.  

Tha Spòrs Gàidhlig na chompanaidh fa-leth aig Comunn na Gàidhlig. 


Uidheamachd

Tha uidheamachd profaiseanta againn le siostaman làidir airson sgrùdadh agus coimhead as a dèidh. 

  • Sgithean, bòtanan agus maidean
  • Seacaidean aotramachd
  • Deisean-fliuche
  • Clogaidean; rothair, claiseachd, sgitheadh agus sreap
  • Ropan
  • Aodach

Fàg freagairt

Tachartasan air Fàire