Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Tachartasan-còmhnaidh agus campaichean aig Loidse a’ Ghlinne Mhòir

Bidh sinn a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh aig Loidse a’ Ghlinne Mhòir, faisg air an Aghaidh Mhòr. Tron phrògram againn, ann an Gàidhlig, gabhaidh sgoilearan pàirt ann an cur-seachadan leithid claiseachd, coiseachd, sreap, bòrd-seasaimh, dùbhlain-sgioba, campachadh agus tursan culturail. Tha iad uile math agus leis na sàr-ghoireasan aig an Loidse le seòmraichean aig àrd-ìre, biadh math agus àrainn chofhurtail, tha sinn cinnteach gun còrd am prògram ribh.

GML

Chaidh na prògraman seo a dhealbh airson sgoiltean far a bheil foghlam ri fhaighinn ann an Gàidhlig agus tha sinn cuideachd comasach air buidhnean measgaichte a ghabhail , sgoiltean far a bheil foghlam Gàidhlig agus Beurla.

Tha an Loidse suidhichte ann an àrainn air leth; coille ghiuthais, lochan faisg air làimh agus beanntan air an starsaich. 

Ski GML

Tha na goireasan aig an Loidse aig àrd-ìre agus gach seòmar le taigh-beag agus fras. Tha iuchraichean ann airson gach seòmar agus an Àrainn an Ear fa-leth bho chòr an Loidse. Mar sin, tha e freagarrach airson sgoiltean. Le goireasan leithid seòmar-taisbeanaidh, balla sreip, leathad sgithidh tioram, lòn airson rathad agus biadh math, bidh a' bhuidheann agaibh glè chomhurtail. 

Prìsean 

Cosgais/com-pàirtiche

Notaichean

3 oidhcheanan(4 làithean)

£255.00

Dil - Diar no Dim - Dih

4 oidhcheanan(5 làithean)

£295.00

Diluain - Dihaoine

Tha prìsean a' toirt a-steach àite-fuirich, biadh agus am prògram. 

Pond GML

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu ghoireasan an Loidse an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/accommodation/ agus an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/facilities/

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu ghoireasan an Loidse an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/accommodation/ agus an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/facilities/

Cinn-là ¦ Dates

Comas ¦ Capacity

Sgoilearan + luchd-taice/tidsearan

Fiosrachadh ¦ Information
Fosgailte ¦ Open for bookings Glèidhichte ¦ Reserved Ri dhearbhadh ¦ To be confirmed
6 – 10 April (Whole of East Wing) 10+2  
4 – 7 May 30+3

Bun-sgoil Bhogh Mòr (8+1)

Cothrom air 20 sgoilear eile!

8 – 11 June  30+3 AS Uallais, Greenfaulds, Cille Mhearnaig
22 – 26 June  30+3 Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig
20 - 24 July  20+4 Campa Fhèis-spòrs
10 – 14 August  30+3  
31 August – 4 September  30+3  
14 – 18 September 15+4 Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil
19 – 23 October  30+3  
2 – 5 November 30+3  
23 – 27 November 30+3  

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981