Faodaidh tu taic a thoirt dhuinn ann an diofar dhòighean agus bu toigh leinn cluinntinn bho dhuine sam bith le ùidh ann an Gàidhlig agus obair òigridh. Dh'fhaodadh tu taic a thoirt dhuinn le eòlas profaiseanta, taic pragtaigeach no eile.
An dràsta, tha sinn ag amas air airgead a thogail airson meanbh-bhus. Leugh tuilleadh aig Iomairt maoineachaidh airson meanbh-bhus.
Tha maoineachadh air leth cudromach agus riatanach ma tha sinn gu bhith cruthachadh luchd-stiùiridh a tha comasach air cur-seachadan a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig do dh'òigridh na h-Alba. Tha sinn an dràsta a' feuchainn ri maoineachadh a lorg airson ar Plana Leasachaidh.
Ma tha thu deònach taic a thoirt dhuinn bu toigh leinn gu math cluinntinn bhuaibh. Dh'fhaodadh tu trèanadh a thoirt seachad no ar stiùireadh ann an cur-seachad ùr.
Iadsan aig a bheil sgilean ann an margaideachd, tha fàilte mhòr oirbh gus ar teachdaireachd a sgaoileadh don mhòr-shluagh agus sgoiltean.
Tha taic poilitaigeach a dhìth gus am bi Spòrs Gàidhlig a' fàs agus ùghdarrasan a' tuigsinn gu bheil taic airson cothroman Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, cuideachd a' cur ri amasan planaichean Gàidhlig.
Leig fios thugainn aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.