Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Plana Leasachaidh

Tha sinn ag amas air leasachadh an dràsta gus am bidh comas againn cur-seachadan a bharrachd a thabhann tron Ghàidhlig. Thèid seo a dhèanamh le bhith trèanadh luchd-stiùiridh agus taic a thoirt dhaibh gus am bi iad comasach air cur-seachadan a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig agus Beurla aig àrd-ìre. 

Bidh sinn feumach air maoineachadh agus tha sinn ann an conaltradh le buidhnean maoineachaidh an dràsta. Tha sinn an dòchas iarrtasan a chur a-steach gus taic-airgid fhaighinn airson prògram trèanaidh a chur air dòigh agus cur-seachadan a thabhann air sgoiltean agus òigridh. 

Ma tha an òigridh gu bhith misneachdail agus a' cur luach sa Ghàidhlig, feumaidh cothroman a bhith aca seirbheisean agus cur-seachadan fhaighinn tron Ghàidhlig a tha cheart cho math ris a' Bheurla. Spòrs Gàidhlig will offer those services and encourage all to take an active interest in Gaelic. 

'S e dìth luchd-stiùiridh le Gàidhlig aon de na prìomh dhuilgheadasan an dràsta. Tha trèanadh aig cridhe a' phroiseict againn agus tha sinn airson luchd-trèanaidh a bhrosnachadh agus a chuideachadh gus luchd-stiùiridh ùr a chruthachadh a bhios a' faighinn tlachd às an obair aca. 

Tha am plana-gnìomh againn ag amas air Gàidheil a thrèanadh ann an diofar chur-seachadan.  Nì sinn seo le cùrsa eòlais agus prògram trèanadh as a dhèidh. Bidh an dà ghnìomh seo air a lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le buidhnean eile a tha mìon-eòlach air a' cuspair. 

Nuair a tha barrachd chomas againn, luchd-stiùiridh ùr, bidh Spòrs Ghàidhlig ag obair gu coimearsealta a' reic sheirbheisean gu sgoiltean agus eile. 

 

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981