Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Cuairt Duais Iain Muir - Ìre 3

Cuairt Duais Iain Muir - Ìre 3
Tachartas  Cuairt - Duais Iain Muir - Ìre 3
Ceann-latha 20-22/09/2019
Àite Loch Abair
Coinneachadh  Inbhir Nis
Cosgais £80
Freagarrach airson  Sgoilearan a tha air Duais Iain Muir a dhèanamh gu ìre 2
Ìre Ghàidhlig  Fileanta 

'S e cuairt coiseachd a tha seo tro bheanntan Loch Abair. Bidh sinn a' coiseach agus a' giulan an uidheamachd againn. Gus slat-tomhais a thoirt dhuibh, tha a' chuairt seo aig ìre "airgid" airson Sgeama Dhiùc Dhùn Èideann.  

Tha sinn ag amas air dùbhlan, spòrs agus eòlas a chur air àitean nàdara, àlainn. 

A' Chuairt

  • 25km thairis air trì làithean
  • Campachadh oidhche Dihaoine agus Disathainre
  • 930 meatairean de dh'èirigh
  • Talamh garbh
  • Àite-fuirich = teantaichean
  • Bidh sinn a' còcaireachd ar cuid-bìdhe
  • Crìoch = Stèisean a' Choire Odhair

Pacaid Spòrs Gàidhlig

  • Stiùireadh profeiseanta bho iùilichean Spòrs Gàidhlig
  • Uidheamachd (teanta, poca cadail, stobha, msaa)
  • Biadh (dinnear x2, bracaist x2, lòn x2)
  • Siubhal à Inbhir Nis agus air ais. 

Rudan nach eil mar phàirt den phacaid

  • Siubhal à àitean eile a bharrachd air Inbhir Nis - faodaidh sibh coinneachadh rinn ann an Drochaid an Aonachainn no eile.  
  • Biadh a bharrachd
  • Tiogaidean treana às a' Choire Odhar. 

Event Properties

Ceann-là 12-06-2020
Event End Date 15-06-2020
Comas 12
Clàraichte 2
Àitean rim faighinn 10
Pris fa-leth £80.00

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981