Luchd-obrach

Cnag

Dòmhnall Morris

Tha Dòmhnall Morris na Mhanaidsear Leasachaidh agus Iùilire aig Spòrs Gàidhlig. Thòisich Dòmhnall mar iùiliche aig Outward Bound faisg air a’ Ghearasdan agus tha e air a bhith an sàs ann an iomadach phrògram òigridh bhon uairsin.  Tha farsaingeachd chur-seachadan a’ còrdadh ri Dòmhnall agus a bhith siubhal air feadh na Alba a’ tabhann chothroman don òigridh. ‘S toigh le Dòmhnall a bhith sgitheadh, a bhith air agus anns an uisge agus gu sònraichte a bhith anns na beanntan. ‘S toigh leis cuideachd Peat & Diesel, Minder, agus toasties hama is càise gun chus càise.

 

Coinneach MacFhraing

 

“Tha mi nam iùiliche còmhla ri Spòrs Gàidhlig. Thòisich mi air an sgeama-trèanaidh san Dàmhair 2018. ’S e as gasta leam mu dheidhinn an dreuchd seo ach gum bi sinn a’ siubhail fad is farsaing a’ cur eòlas air sgìrean ùra, agus a’ toirt chothroman a tha da-rìribh togarrach dhan òigridh tro mheadhan na Gàidhlig.”

 

 

 

Raonaid Ghrannd

Raonaid Ghrannd

“‘S ann às an Eilean Sgitheanach a tha mi, ged a tha mi stèidhichte ann an Tom Aiteann an latha an-diugh. Tha mi an dràsta ag obair mar phàirt de sgioba Spòrs Gàidhlig air an sgeama-trèanaidh a bhios iad a’ tabhann. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil mi a’ dol an sàs anns gach rud – bho chuideachadh le planadh, conaltradh, siubhal, agus lìbhrigeadh – uile fhad ‘s a tha mi a’ leasachadh sgilean, ann an iomadh dòigh!”

 

Ross Christie

Ross Christie

“Buinidh mi ri Cille Chrèanain, air Taobh Loch Odha (Earra-Ghàidheal). Tha mi air a bhith gu math dèidheil air coiseachd-beinne agus sràmlachadh airson beagan bhliadhnaichean, a thuilleadh air rud beag de spòrs uisge. ’S toigh leam rothaireachd-greabhal thar cur-seachad sam bith eile ge-tà. Tha mi a’ dèanamh MSc Pàirt-ùine an-dràsta aig Oilthigh Glaschu ann an Eòlas Foghlaim (Educational Studies) agus dùil ri rannsachadh a dhèanamh air ionnsachadh mi-fhoirmeil airson dàrna cànain ionnsachadh am measg deugairean.”

Tha Gàidhlig againn agus bidh sinn ag obair tron chànan san àite-obrach. A bharrachd air fileantas sa chànan, tha sgioba againn a tha comasach, profaiseanta (le teisteanasan) agus easgaidh a thaobh cur-seachadan agus prògramanan. Tha ar n-iùilichean uile air sgeama PVG.

Bidh sinn a’ cleachdadh iùilichean eile bho an dràsta ’s a-rithist aig nach eil Gàidhlig. Tha seo a’ tachairt nuair a tha buidhnean mòra againn ach bidh deagh eòlas aig gach neach-obrach air co-theacsa agus suidheachadh na Gàidhlig.