Chaidh Spòrs Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2015 mar chompanaidh fa leth le Comunn na Gàidhlig leis a’ phrìomh amas a bhith a’ cruthachadh chothroman Gàidhlig don òigridh.
Bidh sinn ag obair le sgoiltean agus pàrantan gus cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh a thabhann air clann aois sgoile. Tha sgioba-obrach air leth eòlach agus èasgaidh againn, agus na goireasan, uidheamachd agus meanbh-bhus a tha a dhìth gus sàr-sheirbheis a lìbhrigeadh.
Bidh sinn a’ cur fàilte air òigridh a tha fileanta anns a’ Ghàidhlig, ga h-ionnsachadh no orrasan a tha ùr don chànan. Seallaibh air Cànan airson barrachd fiosrachaidh.
‘S iad ar n-amasan:
Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith buan, feumaidh cothroman a bhith ann don òigridh a tha cheart cho math, spòrsail agus inntinneach ris na cothroman a bhiodh aca sa Beurla. Feumaidh na cur-seachadan a bhith aig àrd-ìre an dà chuid don òigridh agus dhaibhsan a tha fastadh Spòrs Gàidhlig.
Tha co-obrachadh aig cridhe ar n-obrach agus tha sinn gu math eòlach air suidheachadh nan sgoiltean agus feumalachdan a’ Churaicealaim. Tha na prògraman againn a’ ceangal chur-seachadan ri eòlasan agus builean agus na slatan-tomhais sa Churaicealaim airson Sàr-mhathas.
Spòrs Gàidhlig
5 Caolraid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ
fios@spors.scot
01463-234138
Ceannaich tiogaidean airson tachartasan aig Spòrs Gàidhlig ¦ Buy tickets for Spòrs Gàidhlig events. Dismiss