Tha cleachdadh agus leasachadh na Gàidhlig aig cridhe gach rud a nì sinn.
‘S iad seo an dà phrìomh dhòigh a dh’obraicheas sinn gus cothroman a thabhann air sgoiltean:
Tachartasan-còmhnaidh
Chaidh na tachartasan sònraichte a tha seo a dhealbh do sgoiltean le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Faodaidh sinn cuideachd tachartas a ruith do bhuidhnean le measgachadh de FMG agus Foghlam tro Mheadhan na Beurla.
Cleachdaidh sinn grunn ionadan sgoinneil air feadh na h-Alba: Baile Phuil an Strath Eadhair, Na Torran san Eilean Sgitheanach, Scaladal sna Hearadh agus eile.
Tha na prògraman làn spòrs agus dùbhlain, agus gun teagamh sam bith, bidh rudeigin ann dhan a h-uile duine. Leis an fharsaingeachd de chur-seachadan a nì Spòrs Gàidhlig, cruthaichidh sinn prògram a fhreagras air a’ bhuidhinn agaibh glan.
Diluain | Dimairt | Diciadain | Diardaoin | Dihaoine | |
Buidheann 1 | 0900-1100 – Siubhal
1130 – Dùbhlain sgioba agus leasachadh sgilein 1230 – Lòn 1315 – Bòrd-seasaimh 1630 – Leabhar-latha ionnsachaidh 1730 – Dìnnear 1900 – Lèirmheas agus Lean an Loidhne 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – 1200 – Clais/Sreap & Abseil
1200 – Lòn 1300 – Coiseachd air Beinn an t-Sithein 1700 – Ùine shaor 1730 – Dìnnear 1900 – Leabhar-latha ionnsachaidh & Lèirmheas 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – Stuthan ri chèile
0945 – Sligheadaireachd 1130-1330 – Siubhal 1330 – Air ais aig an sgoil |
||
Buidheann 2 | 0900-1100 – Siubhal
1130 – Dùbhlain sgioba agus leasachadh sgilein 1230 – Lòn 1315 – Clais/Sreap & Abseil 1630 – Leabhar-latha ionnsachaidh 1730 – Dìnnear 1900 – Lèirmheas agus Lean an Loidhne 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – 1200 – Bòrd-seasaimh
1200 – Lòn 1300 – Coiseachd air Beinn an t-Sithein 1700 – Ùine shaor 1730 – Dìnnear 1900 – Leabhar-latha ionnsachaidh & Lèirmheas 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – Stuthan ri chèile
0945 – Sligheadaireachd 1130-1330 – Siubhal 1330 – Air ais aig an sgoil |
||
Buidheann 3 | 0900-1100 – Siubhal
1130 – Dùbhlain sgioba agus leasachadh sgilein 1230 – Lòn 1315 – Bòrd-seasaimh 1630 – Leabhar-latha ionnsachaidh 1730 – Dìnnear 1900 – Lèirmheas agus Lean an Loidhne 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – 1200 – Clais/Sreap & Abseil
1200 – Lòn 1300 – Coiseachd air Beinn an t-Sithein 1700 – Ùine shaor 1730 – Dìnnear 1900 – Leabhar-latha ionnsachaidh & Lèirmheas 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – Stuthan ri chèile
0945 – Sligheadaireachd 1130-1330 – Siubhal 1330 – Air ais aig an sgoil |
||
Buidheann 4 | 0900-1100 – Siubhal
1130 – Dùbhlain sgioba agus leasachadh sgilein 1230 – Lòn 1315 – Clais/Sreap & Abseil 1630 – Leabhar-latha ionnsachaidh 1730 – Dìnnear 1900 – Lèirmheas agus Lean an Loidhne 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – 1200 – Bòrd-seasaimh
1200 – Lòn 1300 – Coiseachd air Beinn an t-Sithein 1700 – Ùine shaor 1730 – Dìnnear 1900 – Leabhar-latha ionnsachaidh & Lèirmheas 2030 – Ùine shaor 2200 – Seòmraichean 2230 – Solais dheth |
0900 – Stuthan ri chèile
0945 – Sligheadaireachd 1130-1330 – Siubhal 1330 – Air ais aig an sgoil |
Dreach phrògram
Sample programme |
PRÒGRAM TRÌ Oidheannan | ||||||||||
Latha 1 – Day 1 | Latha 2 – Day 2 | Latha 3 – Day 3 | Latha 4 – Day 4 | ||||||||
BUIDHEANN / GROUP | Madainn | Feasgar | Oidhche | Madainn | Feasgar | Oidhche | Madainn | Feasgar | Oidhche | Madainn | Feasgar |
1 | Arrive 13:00 | Ruith ‘s Snàmh | Lean an loidhne | Bòrd-seasaimh – Paddle Boarding | Sreap – Climbing | Cuairt-nàdair/ Nature Walk | Claiseachd – Gorge Scrambling | Taigh-tasgaidh/ Visit | Cèilidh/ Lèirmheas | Sligheadaireachd – Orienteering | Depart 12:00 |
2 | Arrive 13:00 | Ruith ‘s Snàmh | Lean an loidhne | Sreap – Climbing | Bòrd-seasaimh – Paddle Boarding | Cuairt-nàdair/ Nature Walk | Taigh-tasgaidh/ Visit | Claiseachd – Gorge Scrambling | Cèilidh/ Lèirmheas | Sligheadaireachd – Orienteering | Depart 12:00 |
Tachartasan Ionadail
Thig sinn fhèin dhan sgoil agaibh agus lìbhrigidh sinn na cur-seachadan againn nur sgìre. Tha oideachadh, stiùireadh agus cleachdadh uidheamachd uile an lùib na cosgais. ‘S ciallach a bhith a’ ruith prògraim thar 2+ latha gus am faigh barrachd òigridh cothrom air na cur-seachadan gun cus siubhail a bhith ann. Ma dh’obraicheas sibh le sgoiltean eile a tha faisg air làimh, bidh a’ chosgais fiù ’s nas ìsle.
Ma thèid tachartas a chur air dòigh tro fhèis ionadail, bidh cothrom agaibh air prìsean nas saoire mar phàirt den iomairt ‘Fèis Spòrs‘.
Air sgàth ’s gun tachair an seòrsa prògraim a tha seo faisg air an sgoil, chan fheum sibh pàigheadh airson àite-fuirich agus a-rèiste cha bhi a’ chosgais cho àrd. Tha sinn air leth sealbhach an Alba gu bheil làraich mhatha ann airson chur-seachadan a-muigh air feadh na dùthcha. Thar 2020, a dh’aindheoin Covid-19, tha sinn air prògraman soirbheachail a lìbhrigeadh an Inbhir Nis, Glaschu, Ìle, Muile agus an t-Òban.
An Rubha Rèidh
Nochdaidh sinn le uidheamachd agus iùilichean, uile deiseil gus cur-seachadan togarrach a dhèanamh leis an òigridh agaibh agus an toirt air ais dhan sgoil. Seo na dh’fhaodas sinn dèanamh mar as trice:
Loch Bad an Sgalaig
Bidh prìsean caochlaideach agus a-rèir cia mheud a bhios an sàs agus càite am bi sinn. Tha cosgais-siubhail £0.45/mìle agus àite-fuirich ann. Dh’fhaodadh gun cosgadh prògram còig làithean an ceann a deas na h-Alba le triùir luchd-obrach Spòrs Gàidhlig mu thuaiream £2000-£3000.
Spòrs Gàidhlig
5 Caolraid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ
fios@spors.scot
01463-234138
Ceannaich tiogaidean airson tachartasan aig Spòrs Gàidhlig ¦ Buy tickets for Spòrs Gàidhlig events. Dismiss