Sàbhailteachd

Sàbhailteachd ’s siostaman

Tha sàbhailteachd agus cùram mar bhun-phrionnsabal aig Spòrs Gàidhlig. Tha inbhe AALA (Adventurous Activities Licensing Authority) againn, cead L14127 agus buidheann R2469. Tha seo a’ ciallachadh gun deach ar sgrùdadh leis an Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd agus gun do ràinig sinn àrd-ìre a thaobh luchd-obrach (comasan, teisteanasan agus eòlas), siostaman agus uidheamachd. Tha na h-iùilichean againn (luchd-stiùiridh) air an trèanadh gu profeiseanta airson gach cur-seachad. ‘S ann le companidh AIM (Activities Industry Mutual) a tha ar n-àrachas.

Tha siostaman làidir againn a thaobh sàbhailteach le Siostam modh-obrach is clàir cunnartan agus luchd-obrach. Tha Iùil-àite againn a bhios a’ leigeil leinn obrachadh air feadh Alba. Tha àireamh com-pàirtichean stèidhichte againn airson gach cur-seachad leigeas leinn càileachd a chumail agus bhios ag atharrachadh a-rèir suidheachaidhean air an latha.

Tha na siostaman cùram chloinne againn a tha làidir agus bidh sinn tric a’ dèanamh trèanadh air a’ chuspair seo. Tha eòlas againn air taic a chumail ri òigridh ann an suidheachaidhean ùra. Tha gach neach-obrach againn a’ gabhail ballrachd sa sgeama PVG (Protection of Vulnerable Groups), an sgeama“disclosure” ùr.

Ma bhios feum, faodaidh sinn na siostaman seo a mhìneachadh dhuibh no do bhuidheann leithid ùghdarras ionadail.