• Faigh an sàs!
      • Ar Cur-seachadan
      • Tachartasan air fàire
      • Prògraman sgoile
    • Mìosachan
    • Tuilleadh Fiosrachaidh
      • Ceisteachan air seirbheis Spòrs Gàidhlig
      • Sgioba Spòrs Gàidhlig
      • Fios do Sgoiltean
      • Fios do Phàrantan
      • Sàbhailteachd
      • Cànan
    • Cuir fios
  • Fiosrachadh ùr ¦ Get the latest

Sgitheadh ann an 2021

20/11/2020 / Dòmhnall Morris / 0 Comments

Sgitheadh

Tha sgitheadh gu math spòrsail agus dùbhlanach do dh’òigridh. Tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann làithean sgithidh do sgoiltean agus buidhnean fa-leth.

Tha luchd-stiùiridh againn le Gàidhlig, uidheamachd agus eòlas air a’ chur-seachad a chleachdadh gus sgilean cànain a thoirt am feabhas.

Aig a’ Chàrn Ghorm…

Buannachdan le Spòrs Gàidhlig:

• Luchd-stiùiridh profaiseanta le teisteanasan
• Uidheamachd ùr agus snasail
• Prìsean nas saoire
• Ri fhaighinn aig gach ionad sgithidh.
• Taic le siubhal.

Cuir post-d gu fios@spors.scot no 01463-234138 airson barrachd fiosrachaidh.


Prìsean – airson 1 neach bho aois 7-17 – co-dhiù 6 sa bhuidheann, 8 aig an ìre as àirde. 

LÀITHEAN 1 2 3 4 5
Prìs airson gach neach le leasanan, uidheamachd agus tiogaid sgithidh – ’s dòcha taic le siubhal cuideachd.  £50.00 £100.00 £130.00 £160.00 £200.00

Faodaidh sinn a bhith sgitheadh aig An Leac, Gleann Comhann, Gleann Sìth, Monadh Nibheis no aig a’ Chàrn Ghorm. Chan eil na h-ionadan seo ro fhada air falbh bho na sgoiltean agus faodar a dhol ann airson an latha.

Thar nam bliadhnaichean, tha fàs air tighinn air an àireamh de chloinn a bhios a’ sgitheadh. Tha sinn gu mòr ag iarraidh gum bi an aon chothrom aig cloinn na Gàidhlig.

Bidh sinn a’ gabhail buidhnean de ochdnar aig an aon àm.  Le prisean reusanta agus seirbheis mhath, tha e na bhuannachd gu bheil seo ri fhaighinn tron Ghàidhlig.

« Seiseanan claiseachd
Glèidh air loidhne »
  • GàidhligGàidhlig
  • EnglishEnglish

Leig fios

Spòrs Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

fios@spors.scot

01463-234138

Le taic bho ¦ With support from

Theme by The WP Club | Proudly powered by WordPress