Sgoiltean measgaichte
Tha Spòrs Gàidhlig deiseil gus taic a thoirt do sgoiltean mu choinneimh suidheachadh COVID-19 nuair a thilleas iad san Lùnastal.
‘S urrainn dhuinn foghlam air a’ bhlàr a-muigh a thabhann, cur-seachadan fa-leth agus modalan ionnsachaidh eile. Thèid sinn dha na sgoiltean, ma tha e ceadaichte, agus bheir sinn sgoilearan a-mach gu àrainnean far a bheil cur-seachadan spòrsail agus cuideachail againn a thaobh ionnsachadh.
Le bhith cleachdadh Spòrs Gàidhlig san dòigh seo, gheibh sgoilearan cothroman a bharrachd gus coinneachadh ri chèile, rud a bhios cudromach as dèidh ùine mhòr a bhith nan aonar aig an taigh. Cleachdaidh sinn astar soisealta fad na h-ùine agus tha sinn comasach a bhith co-òrdanachadh le prògraman air loidhne.
Fhad ’s a tha cuid de sgoilearan anns an t-seòmar chlas no aig an taigh ag ionnsachadh air loidhne, faodaidh Spòrs Gàidhlig buidheann eile a thoirt a-mach air cuairt inntinneach. As dèidh a’ chiad sheisean, thèid buidhnean eile a-mach le Spòrs Gàidhlig agus a’ chiad bhuidheann a-staigh anns an sgoil.
Mar eisimpleir, gabhaidh clas mòr a bhriseadh nam buidhnean beaga eadar na sgoile, ionnsachadh air loidhne agus le Spòrs Gàidhlig. Le seo, faodaidh an tidsear prìomhachas a thoirt air ionnsachadh anns an sgoil le nas lùgha uallach orra.
A full list of activities is available below.
Sàbhailteachd agus COVID-19
Tha sàbhailteachd aig cridhe gach nigh aig Spòrs Gàidhlig. Tha inbhe AALA (Adventurous Activities Licensing Authority) againn agus siostaman làidir gus com-pàirtichean a chumail sàbhailte.
Mu choinneimh COVID-19, tha sinn a’ cur prìomhachas air cur-seachadan a-muigh far a bheil nas lùgha cunnart ann a’ bhìoras a sgaoileadh. Cuideachd, bidh nas lùgha chom-pàirtichean ann an gach cur-seachad; rud a bhios na chuideachadh a thaobh astar soisealta.
Cosgais
Cosgaidh gach latha £300 agus cosgaisean siubhail. Bidh aonan no dithis luchd-stiùiridh ann bho Spòrs Gàidhlig.
Phase 3 – Cur-seachadan ri fhaighinn – Tha na h-àireamhan a’ sealltainn meud gach buidheann. |
Sgitheadh – Skiing – 6 |
Sligheadaireachd – Orienteering – 15 |
Comas Choille – Bushcraft – 4 |
Sgilean Seòlaidh – Navigation Skills – 15 |
Coiseachd/cuairt – Mountain walk/ expedition – 6 |
Rothaireachd slèibhe – Mountain Biking- 6 |
Bòrd-seasaimh – Paddle Boarding – 6 |
Cuairt-nàdair/ Nature Walk – 12 |
Phase 4 – Cur-seachadan ri fhaighinn – Tha na h-àireamhan a’ sealltainn meud gach buidheann. |
Mapland Alba – Largest Map of Scotland – 16 |
Meanbh-chuairtean – Micro Adventures – 6 |
Dùbhlain sgioba – Team challenges – 12 |
Sgeama Dhiùc Dhùn Èideann – Duke of Edinburgh Award Scheme – 4 |
Claiseachd – Gorge Scrambling – 6 |
Sreap – Climbing & Abseiling – 6 |