Loading Events

« All Events

  • This event has passed.

Campa Sradagan 2 – Fairburn

10/07/2023 - 14/07/2023

£100.00

 

Tha CnaG a’ dol a chumail dà champa Sradagan ann an 2023. Am bliadhna tha sinn gu bhith a’ dol a dh’àitigin ùr! Tha Ionad Chur-Seachadan Fairburn faisg air Inbhir Pheotharain, agus mu 20 mìle tuath air Inbhir Nis. Àite ùr, ach mar às àbhaist bidh am prògram againn làn de spòrs ‘s fealla-dha! Thigeabh còmhla rinn!

‘S e cothrom air leth a tha seo eòlas a chur air clann eile aig a bheil Gàidhlig ann an suidheachadh spòrsail agus comhurtail. Thèid barrachd fios mun phrògram fhoillseachadh rè ùine, ach faodaidh sibh a bhith cìnnteach gum bith e ìnntinneach is tarruingeach – agus air fad tro mheadhan na Gàidhlig – a’ toirt cothrom dhan chlann an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.

Tha na campaichean seo fosgailte do chloinn 8+ gu 12 agus a tha ann am foghlam Gàidhlig. Feumaidh gach com-pàirtiche a bhith sa bhun-sgoil no dìreach às dèidh na bun-sgoile fhàgail. 

Cosgaidh a champa £300 uile gu lèir, ach chan eil a dhìth oirnn an toiseach ach £100 airson àite a ghlèidheadh air a’ champa. Bidh an còrr, £200, ri phàigheadh aig toiseach an t-Ògmhios.

Tha an cosgais seo a’ gabhail a-steach biadh, àite-fuirich agus gach cur-seachad air a’ phrògram. Bidh sinn a’ sùileachadh gun toir pàrantan an cuid cloinne chun champ agus a thighinn dhan togail aig deireadh na seachdain – ach ma tha ceistean na dùbhlain agaibh a thaobh siubhal leig fios dhuinn. Mathaid gum bith cothrom aig pàrantan obrachadh còmhla airson an uallach seo a roinn eatorra.

CnaG is going to run two Sradagan Camps in 2023. This year using a new venue! The Fairburn Activity Centre is near Dingwall, and about 20 miles north of Inverness. A new location, but as always we’ll have a fun-packed and exciting programme! Come and join us!

Campa Sradagan are popular and well-established Gaelic-medium events allowing young Gaelic speakers or learners to meet new friends. Full details of the programme will be available in due course, but you can be sure it will be interesting and engaging – and completely through the medium of Gaelic – giving the children a chance to use their Gaelic outside the classroom.

These camps are open to young people aged 8-12 and who are currently in, or have just left, GME at primary level.

The camp will cost a total of £300, but we will only require an initial deposit of £100 to book a place. The balance, £200 will be due at the beginning of June.

This price includes accommodation, food and all the programme activities. We will expect parents to bring their children too the camp, and to collect them at the end of the week – but please speak to us if you have any questions about travel – there may be opportunities to work with other parents to share this responsibility.

Tickets

The numbers below include tickets for this event already in your cart. Clicking "Get Tickets" will allow you to edit any existing attendee information as well as change ticket quantities.
Tickets are no longer available

Details

Start:
10/07/2023
End:
14/07/2023
Cost:
£100.00
Event Category: