Tachartasan-còmhnaidh airson sgoiltean

Cha bhi sinn a’ cleachdadh Loidse a’ Ghlinne Mhòir ann an 2021 airson tachartasan-còmhnaidh air sgath ’s casg air àireamhan.

Tha sinn an dùil Ionad Inbhir Chluaidh a chleachdadh airson tachartasan còmhnaidh agus ionad eile anns Na Trosaichean.

Bidh sinn a’ tabhann tachartasan-còmhnaidh aig Loidse a’ Ghlinne Mhòir, faisg air an Aghaidh Mhòir. Tron phrògram againn, a bhios anns a’ Ghàidhlig, gabhaidh sgoilearan pàirt ann an cur-seachadan a leithid claiseachd, coiseachd, sreap, bòrd-seasaimh, dùbhlain-sgioba, campachadh agus tursan culturail. Tha iad uile sgoinneil agus leis na sàr-ghoireasan aig an Loidse, seòmraichean aig àrd-ìre, biadh math agus àrainn chofhurtail, tha sinn cinnteach gun còrd am prògram ribh.

Chaidh na prògraman seo a dhealbhachadh airson sgoiltean far a bheil foghlam ri fhaighinn anns a’ Ghàidhlig agus tha sinn cuideachd comasach air buidhnean measgaichte a ghabhail. .i. sgoiltean far a bheil foghlam Gàidhlig agus Beurla.

Tha an Loidse suidhichte ann an àrainn air leth am measg coille giuthais, le lochan faisg air làimh agus beanntan air an starsaich. 

Tha goireasan na Loidse aig àrd-ìre agus gach seòmar le taigh-beag agus fras. Tha iuchraichean ann airson gach seòmar agus cleachdaidh sinn an Àrainn an Ear a tha fa-leth bho chòrr na Loidse. Mar sin, tha e freagarrach do sgoiltean. Le goireasan leithid seòmar-taisbeanaidh, balla sreip, leathad sgithidh tioram, lòn uisge agus biadh air leth, bidh a’ bhuidheann agaibh tuilleadh is chomhurtail. 

Prìsean  Cosgais/com-pàirtiche Notaichean
3 oidhcheanan(4 làithean) £255.00 Dil – Diar no Dim – Dih
4 oidhcheanan(5 làithean) £295.00 Diluain – Dihaoine

Tha prìsean a’ gabhail a-steach àite-fuirich, biadh agus am prògram. 

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu ghoireasan na Loidse an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/accommodation/ agus an seo: https://www.glenmorelodge.org.uk/the-lodge/facilities/

Fàg freagairt

Tachartasan air Fàire