Mar Deidhinn

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ toirt cothrom do dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh air a’ bhlàr a-muigh.

‘S e iomairt shòisealta a th’ ann an Spòrs Gàidhlig, ag obair air feadh na h-Alba a’ cruthachadh chothroman airson dhaoine òga a bhith a’ cleachdadh agus ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean spòrsail, tlachdmhor agus taiceil. Bidh sinn a’ tabhann cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh, campaichean-còmhnaidh, prògraman agus tachartasan ionnsachaidh, uile tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh sinn a’ tabhann an dà chuid prògraman anns na sgìrean agaibh fhèin agus cuideachd air bun-stèidh thachartasan còmhnaidh. Ma tha ùidh agaibh fhèin, no aig an sgoil no a’ bhuidheann choimhearsnachd agaibh anns na tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann, faodaidh sinn thighinn thugaibh, airson prògram a lìbhrigeadh air neo faodaidh sibh sùil a thoirt air a’ chlàr thachartasan againn.

‘S iad seo na prìomh amasan againn;

  • Fàs a thoirt air a’ Ghàidhlig
  • Daoine òga a thaiceachadh ann a bhith a’ togail misneachd agus sgilean ùra
  • A bhith ag obair còmhla ri càch gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh
  • Dìleab làidir fhàgail às ar dèidh

Ma thathas airson ’s gum bi a’ Ghàidhlig làidir agus maireannach anns an latha an-diugh, feumaidh daoine òga cothroman a bhith a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan tro mheadhan na Gàidhlig, agus a bhith a’ gabhail tlachd às a sin. Tha a’ cheangal eadar cur-seachadan tron Ghàidhlig agus comas agus dealas aig daoine òga airson a’ chànain dèatamach airson cor na Gàidhlig a phiobrachadh ann an Alba.

Is sinne an aona bhuidheann Gàidhlig aig a bheil teisteanas AALA (Adventure Activities Licensing Authority) a tha riatanach airson a bhith a’ lìbhrigeadh cur-seachadan dàna do dhaoine òga, agus bidh sinn ag obair gu dlùth le sgoiltean gus toraidhean ionnsachaidh a lìbhrigeadh a tha a’ freagairt air an cuid amasan. Tha na prògraman againne a’ freagairt air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathas agus GIRFEC.

Tha Spòrs Gàidhlig na phàirt de Chomunn na Gàidhlig a tha a’ lìbhrigeadh obair òigridh agus coimhearsnachd nas fharsaing air feadh na h-Alba ach a tha na companaidh fa leth.

Tachartasan air Fàire