
Trobhadaibh a-mach air sgrìob anabarrach ann an clais còmhla ri Spòrs Gàidhlig anns na Hearadh! Anns an t-seisean seo, thèid sinn gu làrach ionadail airson spòrs mòr agus sinn ri leum, sgràmlachadh agus plubadaich ann an abhainn. Feuchaidh sinn rudan ùra, obraichidh sinn mar sgioba agus cuiridh sinn dùbhlan is dibhearsain romhainn fhèin – uile tro mheadhan na Gàidhlig!
Cò dha? Fosgailte dha oileanaich aig CNNO. Chan fheum sibh eòlas sam bith air claiseachd ro làimh.
Càite? Coinnichidh sinn aig Colaiste OGE ann an Steòrnabhagh agus thèid sinn gu làrach ionadail iomchaidh ann am bus Spòrs Gàidhlig, a-rèir na h-aimsir air an latha agus feumalachdan na buidhne.
Cuin? Dihaoine 10mh Giblean. Coinnichidh sinn aig 11:30 agus bidh sinn air ais aig 17:30.
Dè bhios a dhìth orm?
Bheir Spòrs Gàidhlig seachad deise-fhliuch, clogaid agus an uidheamachd theicnigeach eile gu lèir.
Mas e ’s nach bi an aimsir iomchaidh air an latha, tha Spòrs Gàidhlig a’ glèidheil an còir an cur-seachad atharrachadh gu rud a leithid sreap, bòrd-seasaimh, coiseachd is sgràmlachadh, no an tachartas a chur dheth uile gu lèir.
Tha Spòrs Gàidhlig a’ glèidheil an còir air àite a dhiùltadh dha neach sam bith a tha iad am beachd nach eil aig ìre slàinte no fallainneachd pàirt a ghabhail sa chur-seachad gu sàbhailte.

Beurla:
Come out on a gorge adventure with Spòrs Gàidhlig in Harris! In this session we will go for an exciting journey with plenty of jumping, scrambling and splashing about in an amazing environment. This session will take place entirely in Gaelic, and will offer the chance for learning about the nature of the Hebrides, personal challenge and perhaps a spot of adrenaline!
Who for? This session is for Students taking part in CNNO. No previous gorge scrambling experience is required and Spòrs Gàidhlig can accommodate anyone who is not a confident swimmer.
Where? We will meet at Stornoway Campus UHI and drive to a suitable local venue in Spòrs Gàidhlig’s minibus. The exact venue will depend on the weather and the group’s needs.
When? Friday 10th April 2026. We will meet at 11:30 and be back in Stornoway at 17:30.
What will I need to bring?
Spòrs Gàidhlig will provide all technical equipment such as helmets, wetsuits, etc.
In the case of unsuitable weather, Spòrs Gàidhlig reserve the right to offer an alternative activity such as rock-climbing and abseiling, coastal walking and scrambling or to cancel the activity altogether.
Spòrs Gàidhlig reserve the right to refuse a place on the session to anyone they do not judge to meet the level of fitness or good health required to take part in the activity safely.