Ciamar a b’ urra dhuinn a bhith ann an Loch Abar aig àm a’ Mhòid agus gun a dhol dha na beanntan? Trobhadaibh cuide rinn air sgrìob gu mullach na beinne as àirde anns an Rìoghachd Aonaicte gu lèir: Beinn Nibheis!
Air an turas coiseachd adhartach seo, gheibh sibh cothrom eòlas a chur air a’ bheinn seo a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Thèid sinn bho ìosal ann an Gleann Nibheis gu àrd os cionn gach bidean eile a tha mun cuairt gus sealladh prìseil fhaighinn de Loch Abar agus, gu dearbh, cuid mhath de dh’Alba! Nì sinn an gnothach air dùbhlan mòr còmhla air latha a bhios fada, fada sa chuimhne!
Cuin? Coinnichidh sinn aig 09:00 air Diciadain 15mh Dàmhair 2025. Bidh sinn an dùil a bhith air ais aig 17:00.
Càite? Ionad-tadhail Ghlinn Nibheis ‘S ann an seo a thòisicheas ar slighe gu mullach na Beinne.
Cò dha? ‘S ann do dh’òigridh aois S1+ agus pàrantan comasach a tha fileanta sa Ghàidhlig a bhios an turas seo. Feumaidh ìre reusanta a shlàinte a bhith aig gach neach a bhios ann. Bidh sinn air a’ bheinn 7-8.5 uairean a thìde agus a’ dìreadh còrr agus 1300m. Tha Spòrs Gàidhlig a’ glèidheil an còir duine sam bith nach eil iad a’ meas comasach air a’ chuairt a dhiùltadh, air adhbharan sàbhailteachd.
Dè bhios a dhìth orm?
Mura h-eil gin den a seo agaibh, leigibh fhaicinn agus ’s ma dh’fhaodte gum bi rudeigin againn dhuibh.
Mas e ’s nach bi an aimsir iomchaidh air an latha, tha Spòrs Gàidhlig a’ glèidheil an còir slighe eile cuairt air slighe eile anns an sgìre a thabhann, an cur-seachad atharrachadh gu rud a leithid claiseachd no sreap, no an tachartas a chur dheth uile gu lèir.
Beurla
How could we be in Lochaber during the Mòd without going out to the hills? Come along with us on an adventure to the top of the highest mountain in all of the United Kingdom: Ben Nevis!
On this challenging walk, you will get the opportunity to explore a mountain that is renowned all over the world. We will start down low in Glen Nevis and climb up to the highest height for a chance to get a special view of Lochaber and, indeed, of a large part of Scotland! Together we’ll take on the challenge for an unforgettable day on the hill!
When? We will meet at 09:00 on Wednesday 15th October 2025. We will expect to be back at 17:00.
Where? We will meet at the Ben Nevis Visitor Centre.
Who for? This activity is for teenagers in S1+ and capable parents who are fluent in Gaelic. All participants will need to be reasonably fit. We will be out on the mountain for 7-8.5 hours and will ascend more then 1300m. For safety reasons, Spòrs Gàidhlig reserve the right to refuse a place to anyone they deem not at a level of fitness to complete the excursion.
What will I need to bring?
If you do not have anything on this list, please let us know and we should be able to help with most items except footwear.
In the case of unsuitable weather, Spòrs Gàidhlig reserve the right to change the day’s objective, offer an alternative activity such as rock-climbing and abseiling, gorge scrambling or paddleboarding, or to cancel the activity altogether.
Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.