Trobhadaibh a-mach air an uisge còmhla ri Spòrs Gàidhlig ann am Barraigh! Anns an t-seisean seo, thèid sinn air sgrìob air na bùird-seasaimh againn mun-cuairt air na cladaichean àlainn ann am Barraigh. Ionnsaichidh sinn sgilean, chì sinn seallaidhean àlainn agus bidh plòigh gu leòr againn cuideachd – uile tro mheadhan na Gàidhlig!
Cò dha? ‘S ann dha deugairean ann an S1-4 a tha fileanta sa Ghàidhlig a bhios an seisean seo. Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh air bòrd-seasaimh mar tha.
Càite? Coinnichidh sinn aig pàirc chàraichean Marina Bhàgh a’ Chaisteil agus thèid sinn gu làrach ionadail iomchaidh ann am bus Spòrs Gàidhlig, a-rèir na h-aimsir air an latha agus feumlachdan na buidhne.
Cuin? Dimàirt 8mh Giblean 2025. Coinnichidh sinn aig 09:30 agus bidh sinn air ais aig 16:00.
Dè bhios a dhìth orm?
Bheir Spòrs Gàidhlig seachad bòrd-seasaimh, ràmh, deise-fhliuch agus an uidheamachd theicnigeach eile gu lèir.
Mas e ’s nach bi an aimsir iomchaidh air an latha, tha Spòrs Gàidhlig a’ glèidheil an còir an cur-seachad atharrachadh gu rud a leithid sreap, coiseachd is sgràmlachadh, no an tachartas a chur dheth uile gu lèir.
Beurla:
Get out on the water with Spòrs Gàidhlig in Barra! In these sessions we will go for an exciting journey on our paddleboards off of Barra’s beautiful beaches. We will learn new skills, enjoy amazing views and have lots of fun – all entirely through the medium of Gaelic!
Who for? This session is for young people in P7-S3 who are fluent in Gaelic. No previous paddleboarding experience is required.
Where? We will meet at the Castlebay Marina Carpark and drive to a suitable local venue in Spòrs Gàidhlig’s minibus. The exact venue will depend on the weather and the group’s needs.
When? We will meet at 09:30 and be back at 16:00.
What will I need to bring?
Spòrs Gàidhlig will provide all technical equipment such as paddleboards, paddles, wetsuits, etc.
In the case of unsuitable weather or sea conditions, Spòrs Gàidhlig reserve the right to offer an alternative activity such as rock-climbing and abseiling, coastal walking and scrambling or to cancel the activity altogether.