
Campa Sradagan 2 – NA HEARADH
An t-Iuchar 12 @ 12:00 - An t-Iuchar 16 @ 15:30
£270

Tha dà champa Sradagan gu bhith againn ann an 2021. Thèid na campaichean a chumail aig Ionad Sgaladail anns Na Hearadh agus bidh am prògram loma-làn spòrs is fealla-dhà.
‘S e cothrom air leth a tha seo eòlas a chur air clann eile aig a bheil Gàidhlig ann an suidheachadh spòrsail agus comhurtail. Tha an cosgais a’ gabhail a-steach biadh, àite-fuirich agus gach cur-seachad air a’ phrògram. Bidh sinn cuideachd a’ tabhann taic le siubhal à Ullapul, Steòrnabhagh agus às an Tairbeart gu Ionad Sgaladail.
Tha na campaichean seo fosgailte do chloinn 8+ gu 12 agus a tha ann am foghlam Gàidhlig. Feumaidh gach com-pàirtiche a bhith sa bhun-sgoil no às dèidh na bun-sgoile fhàgail.