![]()

Trobhadaibh a-mach air mòinteach Nis còmhla ri Spòrs Gàidhlig ann an Leòdhas! Anns an t-seisean seo, thèid sinn air sgrìob thar mòintich Leòdhais gu Àirighean Nis agus Eaglais Filiscleitir. Tachraidh a’ chuairt gu lèir sa Ghàidhlig, agus tadhailidh sinn air làraich eachdraidheil is cultarail air leth anns an àrainneachd aibheiseach agus maiseach a tha air oirthir gharbh Leòdhais. Bidh a’ chuairt mu 10km, gun ach beagan dìridh. Dh’fhaodadh gum bi cuid den talamh caran garbh, no bog. Stiùiridh iùilichean-beinne Spòrs Gàidhlig sibh gus sealladh agus tuigse fhaighinn den sgìre anabarrach seo.
Cò dha? Fosgailte dha oileanaich oiltighe aig CNNO.
Càite? Coinnichidh sinn aig Colaiste OGE ann an Steòrnabhagh agus thèid sinn gu làrach ionadail iomchaidh ann am bus Spòrs Gàidhlig, a-rèir na h-aimsir air an latha agus feumalachdan na buidhne.
Cuin? Disathairne 11mh Giblean. Coinnichidh sinn aig 09:30 ann an Steòrnabhagh agus bidh sinn air ais aig an taigh-sheinnse ann an Nis aig 14:00.
Dè bhios a dhìth orm?
*Tha stòr de sheacaidean is briogaisean dìonach aig Spòrs Gaidhlig, a dh’fhaodas sibh cleachdadh ma dh’fheumas.
Mas e ’s nach bi an aimsir iomchaidh air an latha, tha Spòrs Gàidhlig a’ glèidheil an còir an cur-seachad atharrachadh no an tachartas a chur dheth uile gu lèir.
Tha Spòrs Gàidhlig a’ glèidheil an còir air àite a dhiùltadh dha neach sam bith a tha iad am beachd nach eil aig ìre slàinte no fallainneachd pàirt a ghabhail sa chur-seachad gu sàbhailte.

Beurla:
A trip to the àirighean at Cuidhsiadar and clifftop church at Filiscleitir. This will be a guided walking journey across the moors of Ness to visit the historically and culturally significant sites on the now uninhabited North-East coast of Lewis. The trip will take place entirely through the medium of Gaelic, and cover around 10km. There will be very little ascent or descent, but some of the ground around Filiscleitir is rough and boggy.
Who for? This session is for Students taking part in CNNO.
Where? We will meet at the UHI Campus in Stornoway and drive in Spòrs Gàidhlig’s minibus to the start of the walk in Sgiogarstaigh.
When? Saturday 11th April 2026. We will meet at 09:30 and be back at the Ness Scoial Club for 14:00.
What will I need to bring?
In the case of unsuitable weather or sea conditions, Spòrs Gàidhlig reserve the right to offer an alternative activity or to cancel the activity altogether.
Spòrs Gàidhlig reserve the right to refuse a place on the session to anyone they do not judge to meet the level of fitness or good health required to take part in the activity safely.